Best Scottish Poems
English
Welcome to the Scottish Poetry Library’s annual online anthology of the year’s Best Scottish Poems, selected by different guest editors. We have also introduced Scots and Scottish Gaelic language categories.
Gaelic
Fàilte dhan duanaire air-loidhne againn de na 20 dàin as fheàrr a nochd ann an leabhraichean, leabhranan agus irisean, air a dheasachadh le deasaiche eadar-dhealaichte gach bliadhna.
Thòisich sinn an duanaire bliadhnail fhoillseachadh air Là Fèill Anndra, airson bàrdachd na h-Alba a riochdachadh, ach ghluais sinn àm an fhoillseachaidh dhan earrach airson gun deigheadh aig deasaichean cnuasachadh air bàrdachd fad-bhliadhna. Tric (ach chan ann an-còmhnaidh) cha bhi bùithtean-leabhraichean agus leabharlannan a’ tabhann ach roghainn bheag de bhàrdachd, agus gu h-àraidh de bhàrdachd na h-Alba.
Ann an Dàin Taghta na h-Alba gheibh leughadairean an Alba agus thall thairis cothrom air farsaingeachd agus buaidh ar bàrd fhaicinn, agus an cuid chànanan, sructaran, agus bheachdan.
Fhathast, chan e co-fharpais a th’ ann idir, ach roghainn phearsanta. Gheibhear duanairean nam bliadhna a dh’fhalbh air an làraich-lìn seo fhathast. Tha sinn an dòchas gun còrd an cruinneachadh measgaichte seo dhuibh, agus gun toir e spionnadh dhuibh barrachd rùrachaidh a dhèanamh air làraich-lìn Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, agus gun smaoinich sibh mu rudan fhaighinn air iasad no rudan a cheannach bhuainn.
Asif Khan, Stiùiriche