
Pàdraig MacAoidh / Peter Mackay
Ro-ràdh
Tha bàrdachd na Gàidhlig ann an suidheachadh gu math inntinneach agus fallain, le tòrr mòr bàird à Alba agus gu leòr dùthchannan eile a’ sgrìobhadh ann an iomadh modh agus stoidhle. Agus am measg nam bàrd as cliùitiche agus sgileile a th’ againn tha gu leòr dhiubh air a’ chànan ionnsachadh aig sgoil neo aig oilthigh neo nuair a bha iad nan inbhich. Chan fheum idir a’ Ghàidhlig a bhith agad on ghlùin airson a bhith a’ cluich le faclan sa chànan; ’s urrainn dha duine sam bith feuchainn air – ’s ann leatsa a tha an cànan agus a’ bhàrdachd.
’S e meadhan a th’ anns a’ bhàrdachd a bhios a’ tòiseachdainn on bheachd gur ann tro chànan a bhios sin a’ dèanamh ciall dhen t-saoghail agus dhuinn fhìn, agus a bhios a’ coimhead às ùr ri faclan, ìomhaighean, sgrìobhadh, agus òrain eile gus smaoineachadh dè mar a thèid na faclan ud a chleachdadh gus an saoghal atharrachadh, ath-nuadhachadh. Ann an Nua-Nòs gabhaibh sibh sealladh de mar a tha diofar bàrd a’ dèanamh sin ann an dòighean cumhachdail, spòrsail agus ioma-fhillte: tha mi an dòchas agus an dùil gum faigh sibh tlachd agus piobrachadh bho na dàin agus bàird seo.

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig
