Gaelic
Càit am faigh mi lorg air Catalog Air-loidhne an Leabharlainn?
English
What’s in the SPL Online Catalogue?
All of the items in our collection are catalogued.
For example, you’ll find
- Books & pamphlets
- Cuttings
- Individual articles and items from within Scottish periodicals (the Scottish Poetry Index)
- Audio materials
- Edwin Morgan Archive items
Gaelic
Dè tha ann an Catalog Air-loidhne an Leabharlainn?
Tha gach rud bhon chruinneachadh againn ri lorg anns a’ Chatalog.
Mar eisimpleir, gheibhear lorg air
- Leabhraichean agus leabhranan
- Gearraidhean
- Artaigilean agus rudan air leth bho irisean Albannach (Clàr-amais Irisean Bàrdachd na h-Alba)
- Stuthan claisneachd
- Stuthan bho Thasglann Edwin Morgan
English
How do I do a basic search?
You can do a basic search here.
Use the drop down arrow to narrow your search by Title, Author, Subject or ISBN.
Gaelic
Ciamar a nì mi lorg bhunaiteach?
’S urrainnear lorg bhunaiteach a dhèanamh an seo.
Cleachd an t-saighead sìos airson do lorg a dhèanamh nas cumhainge le Tiotal, Ùghdar, Cuspair no ISBN.
English
How do I do an advanced search?
You can use the advanced search here.
This allows you to target your search and to combine terms to help get more specific results.
- You can choose to search the entire catalogue, or just the Scottish Poetry Index
- You can limit the search to specific types of format by checking any of the shelving locations
- You can use the drop down arrows to choose whether to search by subject (eg about trees, or about a particular poet) or by author, or by a variety of others paths
- Use the ‘phrase’ option when you are confident you know the exact spelling of the term or name you are searching for
Gaelic
Ciamar a nì mi lorg adhartaiche?
’S urrainnear lorg adhartaiche a dhèanamh an seo.
Leis a seo, ’s urrainnear an lorg agaibh a dhèanamh nas cumhainge, gus am faigh sibh am fiosrachadh mionaideach a tha a dhìth oirbh.
- ’S urrainnear an catalog air fad a chleachdadh airson ur lorg, no dìreach Clàr-amais Irisean Bàrdachd na h-Alba.
- ’S urrainnear an lorg agaibh a dhèanamh nas cumhainge le bhith a’ taghadh àite na sgeilpe.
- ’S urrainnear briogadh air na saigheadan ma tha sibh airson lorg le cuspair (m.e. mu chraobhan, no mu bhàrd sònraichte) no le ùghdar, no le rudeigin eile.
- Cleachd an roghainn ‘abairt’ nuair a tha misneachd agaibh gu bheil sibh eòlach air litreachadh ceart na h-abairt no an ainm a tha sibh a lorg.
English
How do I borrow by post online?
Our system has two functions: the cart and placing a hold. The cart function is mainly designed for those who will be physically navigating the library collections: to make a list in printer-friendly format to bring in to find items, almost like a shopping list before going to the shop. Placing an item in a cart won’t stop anyone else borrowing it or reserve it for you. You can place items in a cart that can’t be loaned out: reference books, articles, records.
Placing a hold on an item, on the other hand, reserves the item for you, stops anyone else borrowing it in the meantime, and the system only allows you to place holds on items that are eligible for lending. You can place holds on titles that are checked out to other borrowers: this stops them renewing the title and flags up the hold placed by you when the item is checked back in. The most efficient way we’ve found for postal loans is to place holds on items that you want. This ensures they can’t be checked out before they’re pulled from the shelves and that we know you would like them sent out to you. Alternatively, you can email reception@spl.org.uk with a simple list of the items you would like, and we will retrieve and send them for you when they are available.
Gaelic
Ciamar a gheibh mi leabhar tron phost air-loidhne?
Tha dà rud as urrainn dhan t-siostam againn a dhèanamh: cuir dhan chairt, agus cuir a thaobh e. Tha a’ chairt ann airson, anns an àbhaist, daoine a bhios a’ dol tro na cruinneachaidhean gu fiosaigeach: thèid a cleachdadh airson liosta a chruthachadh ann am foirm as urrainn clò-bhualadh airson toirt a-steach dhan Leabharlann gus rudan a lorg, mar gum biodh sibh a’ cruthachadh liosta airson na bùtha. Ma chuireas sibh rudeigin anns a’ chairt, cha chuir sin bacadh air duine sam bith eile a tha airson an rud fhaighinn air iasad, agus cha chuir e a thaobh e dhuibh a bharrachd. ’S urrainnear rudan a chur anns a’ chairt nach urrainnear fhaighinn air iasad: leabhraichean iomraidh, artaigilean, clàran.
Air an làimh eile, nuair a chuireas sibh rud a thaobh, thèid a ghleidheadh air ur son: cha tèid aig duine eile an rud fhaighinn air iasad, agus cha leig an siostam leat ach rudan as urrainnear fhaighinn air iasad a chur a thaobh. ’S urrainnear tiotalan a chur a thaobh a tha an-dràsta air iasad aig cuideigin eile: bidh seo a’ ciallachadh nach tèid aca ath-nuadhachadh a dhèanamh air an iasad aca, agus thèid a thoirt mun airidh nan Leabharlannaichean gu bheil còir aca an leabhar a ghleidheadh dhuibh. Tha seo gu h-àraidh feumail airson rudan fhaighinn air iasad tron phost: tha e a’ ciallachadh nach gabh duine eile an leabhar a tha thu a’ sireadh bho na sgeilpichean, agus gum bi fios againn gu bheil sibh airson is gun cuir sinn thugaibh e cho luath ’s a thilleas e. ’S urrainnear post-d a chur gu reception@spl.org.uk le liosta de na stuthan a tha sibh ag iarraidh, agus cuiridh sinn thugaibh iad nuair a tha iad ri fhaotainn.
English
What if I need help?
Our librarians will be very happy to help you get the best results from a catalogue search, and can carry out searches on your behalf. Contact reception@spl.org.uk if you are having difficulty finding what you need.
Gaelic
Dè nì mi ma tha taic a dhìth orm?
Bidh ar leabharlannaichean tuilleadh agus deònach ur cuideachadh airson nithean a lorg anns a’ chatalog, agus ’s urrainn dhaibh rannsachadh a dhèanamh às ur leth. Cuiribh fios gu reception@spl.org.uk ma tha duilgheadasan sam bith ann.