Gaelic
Nuair a bha Comhairle nan Leabhraichean agus Leabharlann na Bàrdachd a’ lorg pròiseact a dhèanadh iad còmhla ann an 2025-26, bha e follaiseach gum bu chòir dhuinn prìomhachas a chur air dàin ùra do chloinn. Seo gnè-litreachais far a bheil cruaidh fheum air leasachadh, agus tha sinn an dòchas gum bi na dàin ùra a chaidh a sgrìobhadh airson Rannan Chloinne a’ toirt tlachd do na leughadairean òga agus brosnachadh do na bàird fhèin, agus gum faic sinn barrachd sna bliadhnaichean a tha romhainn mar thoradh air an iomairt seo. Gheibhear measgachadh de chuspairean agus faireachdainnean am measg nan rannan seo – rudan aotrom, rudan nas truime, rudan a thogas do spiorad agus rudan a bheir ort smaoineachadh, agus a h-uile rud sin ann an Gàidhlig ghrinn. Tha sinn fada an comain Phàdraig MhicAoidh, Makar na h-Alba, airson a chomhairle agus obair mar neach-deasachaidh
English
When the Gaelic Books Council and the Scottish Poetry Library were looking for a project on which to collaborate in 2025-26, the obvious choice was to prioritise new poems for children. This is a genre with considerable scope for development, and we hope that the poems that have been written for Rannan Chloinne will delight their young readers and encourage the poets themselves, and that we’ll see more in the years to come as a legacy of this initiative. In these verses you will find a range of subjects and sentiments – some frivolous, some more serious, some that will lift your spirits and others that will give you pause, and all of them in eloquent Gaelic. We are indebted to Peter Mackay, Scotland’s Makar, for his advice and work as editor.













