English
What do we collect?
Whilst you’ll find thousands of poems on our website, at our premises in Edinburgh we have an even larger collection. You can search this collection in our Online Catalogue. The list of poetry periodicals we take can be found here. You can read our Collections Policy here.
In our collections we have poems from Scotland and the rest of the world: as well as caring for Scotland’s own poetry, we also work to provide access to international poetry for Scotland’s readers. Our collection focuses primarily on contemporary poetry — poetry from 1950 onward, but we do hold representative works from earlier periods. We have a strong focus on European poetry and poetry in translation, too.
We also have a children’s collection: there is poetry for younger readers, with nursery rhymes and funny poems, babies’ books and scary verse all jostling on the shelves upstairs. Older children are well catered for with anthologies graded for different age groups, and hundreds of individual authors’ works in the Junior section, and a bridge section for young adults in with the main collections.
Our collections are format neutral, which means we collect poetry published in Large Print, braille, on CD, cassette, vinyl, on a postcard, or online.
Gaelic
Dè bhios sinn a’ cruinneachadh?
Gheibhear lorg air mìltean dhàn air an làraich-lìn againn, ach aig an Leabharlann fhèin an Dùn Èideann lorgar an tuilleadh. ’S urrainnear rùrachadh anns a’ chruinneachadh seo leis a’ Chatalog air-loidhne againn. ’S urrainnear liosta fhaicinn de na h-irisean bhàrdachd a th’ againn an seo.
Anns na cruinneachaidhean againn tha dàin bho Alba agus bho air feadh an t-saoghail: a bharrachd air aire a chumail air bàrdachd na h-Alba, bidh sinn cuideachd ag obair airson slighean a chruthachadh gu bàrdachd eadar-nàiseanta a thoirt gu leughadairean na h-Alba. ’S ann air bàrdachd bho 1950 chun an là an-diugh as motha a tha sinn a’ cuimseachadh, ach tha sgrìobhaidhean againn bho linntean a dh’fhalbh. Tha sùil gheur againn ga chumail air bàrdachd Eòrpach agus bàrdachd eadar-theangaichte cuideachd.
Tha cruinneachadh cloinne againn cuideachd: tha bàrdachd ann airson leughadairean òga, le rannan beaga agus dàin èibhinn, leabhraichean leanabach agus dàin eagalach uile air an riochdachadh ann. Tha cuideachd stuthan ann airson clann nas sine mar dhuanairean airson aoisean sònraichte, agus tha ceudan de leabhraichean aig ùghdaran fa leth an Roinn na h-Òigridh, agus tha roinn ann mar dhrochaid airson inbhich òga am measg nan cruinneachadhaidhean àbhaisteach.
Tha na cruinneachaidhean againn rim faighinn ann an iomadach cruth. Tha sinn a’ gabhail bàrdachd fhoillsichte ann an clò mòr, braille, air CD, teip, bhional, air cairtean-puist, no air-loidhne.