Gum bi an talla seo làn fhuaimean a-rithist - by
Let this hall be full of noises again
Let this hall be full of noises again
Tha gach rud ’s eòl dhomh mu mhoraltachd ’s dleastanas an urra ri Franco Baresi a’ tarraing cudeigin sìos far a’ bhall’ air Football Italia. Sheachnaich sinn Sgòil Shàbaid a dh’fhaicinn. Ciod is crìoch àraidh do’n duine? Dia a ghlòrachadh, agus a mhealtuinn gu siorruidh.Tha Dia ’na spiorad, neo-chrìochnach, bith bhuan, agus neo-chaochluidheach. Is e […]
Dhaibh a tha ga fhaighinn, ’s e prèasant a th’ ann de thìm, de làithean, bhliadhnaichean: gioft neo-fhèineilagus fialaidh air a thoirt seachad tro dhòchas agus eòlas nach robh comasach, nach robh fiu ’s so-shaoilsinn airson tòrr de ar n-eachdraidh,’S e cuimhneachan a th’ ann nach eil sinn beò nar n-aonarach air ar cuartachadh le […]
The sky’s static opens, made tender in its waiting / And blinks its eyes furiously to catch / The cavalry’s last wave, and it’s silent in its thrashing / Reveal of the tall stone here, below.
Oir ’s a’ ghrian, a chì sinn ag èirigh gach là,a dh’èireas a-rèir A dh’àithne.– Naomh PàdraigCoisich còmhla rium,cas-rùisgte thar feamainnis clachan na tràghad,gu comraich a’ chladaich.Coisich còmhla rium,a dh’ionnsaigh an fhearainn,is beannachd nad bhràghadlàn an dàin is an Dòmhnaich.Cuir fàilt’ air ciùin’ an dorais,barra-chaol chun a’ chorra.Seachain manadh an donais,eadar ballachan mo chille.Cuir cùl […]
Cuimhneachain ri bonn a cheile
Steach o bhràighe abhainn Ròdhag:
Tobht’ is àillte, feannag thaomaidh,
Chì mi thu tro cheò na h-ùine,
Dusd na tìm a’ seacadh ùr-bhlath
D’ òige; ach an cridh’ mo chrìdh’-sa,
’S a’ mhadainn moich mun èirich grian,Mun liath i air na neòil,Mun cluinn mi ceilearadh nan eun,Mun crom iad beul gu ol; Bi mise falbh gu socair, balbhA’ shealbhachdadh ar loin;Gur gann gun dùin mi ’n dorus liumMun dùisg mo mhaighdean òg.Nuair bhios mi coiseachd sìos an t-sràidAir madainn shàmhach reòt,Nuair bhios mi deas fu […]
Ged’s cruaidh ri ràitinn le mac mo mhàtharTha clann nan Gàidheal a’ ruith a-mach,A’ toirt an cùlaibh ri gnàth an dùthchaIs fasain ùra gan toirt a-steach,A’ call na Gàidhlig a bh’aig am pàrantan -Sìol nan àrmann – b’ e sgial nan creachNach seas i h-àite ann an tìr nan àrd-bheann’S na culaidh-ghràin ann an iomadh […]
Na coilltean air an còmhdachadh
le criostalan snìomhte
a’ deàrrsadh is a’ priobadh mar
ulaidh spùinneadair
Chan fhaic sinn na duilgheadasan
a chuir troimhe-chèil’ thu an oidhche ud
is tu cho feargach gun ghluasad
mar do charaidean, bha cho luath ris a’ ghaoith
To provide the best experiences, we use technologies like cookies to store and/or access device information. Consenting to these technologies will allow us to process data such as browsing behaviour or unique IDs on this site. Not consenting or withdrawing consent, may adversely affect certain features and functions.
We use privacy-focused tracking technologies to help us understand and improve the experience of our visitors. We track activity, not users, but you can still object to this tracking via our cookie policy.