Gaelic
Tha cùisean trang, trang aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba am mìos-sa.
Bi fios agaibh, tha mi cinnteach, gu bheil Seachdain na Gàidhlig gu bhith dol air adhart eadar an 20mh agus an 26mh den a’ Ghearran. Tha sinn a’ dèanamh fiughar mhòr ris an t-seachdain air fad – seo cuid de na rudan a tha gu bhith dol againne.
Hai-àidh! Podcast ùr!
Tha sinn gu bhith a’ cuir air bhog ar Podcast ùr ‘Hai-àidh!’ air an 22mh den a’ Ghearran. ‘S ann mu dheidhinn bàrdachd Ghàidhlig (dè?) a tha e agus tha Pàdraig MacAoidh agus Màrtainn Mac an t-Saoir air a bhith ag obair air còmhla rinn. Bidh dithist aoigh a’ coinneachadh gach mìos gus còmhradh mu dheidhinn pìos bàrdachd an urra. Chan ann a-mhàin do bhàird a bhios seo ach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am bàrdachd Ghàidhlig, daoine a tha amharasach mu dheidhinnn neo a tha faireachdainn nach eil mòran eòlas aca air fhathast – tha sinn an dòchas gun còrd e ris a h-uile neach.
Tachartas Seachdain na Gàidhlig le Rona Dhòmhnallach agus Robbie MacLeòid
Rud eile a tha gu bhith tachairt air Seachdain na Gàidhlig – ’s e SEO [tiogaidean bho Eventbrite]. Cluinnidh sibh bàrdachd ùr, bhrosnachail aig an tachartas seo bho Rona Dhòmhnallach agus Robbie MacLeòid le Màrtainn Mac an t-Saoir sa chathair – cha bhi sibh airson an fhear seo a’ chall! Bidh a’ mhòr-chuid den a’ chòmhradh a’ dol sa Ghàidhlig ach bi na bàird ag aithris na dàin aca san dà chànan.
Cothrom dàn aithris
Mar nach urrainn dhuibh a bhith aig an tachartas againn, tha cothrom agaibh uile Seachdain na Gàidhlig a’ chomharrachadh còmhla rinn ann an dòigh eile. Tha Màrtainn Mac an t-Saoir a tha na thosgaire Gàidhlig don Leabharlann a’ toirt cuireadh dhuibh a bhith ag aithris am pìos bàrdachd as fheàrr leibh. Dh’fhaodadh gur e dàn neo òran a bhiodh ann, fiù ‘s fear a rinn sibh fhèin – dìreach dean clàr dhuibh fhèin agus cuir thugainn e air na meadhanan sòisealta neo air post-d agus sgaoilidh sinn iad.
Thig thugainn, thig còmhla rinn…
English
Things are busy, busy at the Scottish Poetry Library this month on the Gaelic side of things.
Have you heard? Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) is going to be taking place between the 20th and 26th of February. We’re looking forward to a busy week – here are a few of things that will be happening with us.
Hai-àidh! New podcast!
We’re launching our new Gaelic podcast ‘Hai-àidh!’ on the 22nd of February. The podcast is about Gaelic poetry and we’ve been working on it with Peter Mackay and Martin MacIntyre. Every month two guests will link up to have a chat together about a poem each. This isn’t just for poets but for anyone who is interested in Gaelic poetry, is unsure of it or feels like they don’t know much about it yet – we hope everyone will enjoy it.
World Gaelic week event with Rona MacDonald and Robbie MacLeod
We’ve also got an event that will be happening during Seachdain na Gàidhlig – Tickets from Eventbrite. New and provocative poetry will be showcased by Rona MacDonald and Robbie MacLeod with Martin MacIntyre leading the discussion – you won’t want to miss this one. Most of the conversation will be in Gaelic but the poets will recite their poems in both English and Gaelic.
Chance to recite a poem
If you can’t be with us for our event on the 23rd, take the chance throughout Seachdain na Gàidhlig to celebrate with us in another way. Our Gaelic ambassador Martin MacIntyre invites you all to recite your favourite poem. This could be a poem or a song, even one of your own – just record yourself and share it with us on social media or e-mail and we’ll share them.
Thig thugainn, thig còmhla rinn…

