Gaelic
Bidh Marcas Mac an Tuairneir ag obair tron Ghàidhlig, Bheurla is Polàrais, agus tha e air cliù critigeach is duaisean a chosnadh airson a chuid sgrìobhaidh. Tha e air trì co-chruinneachaidhean fhoillseachadh (Deò, Gracenote, 2013; Lus na Tùise, Bradan Press, 2016; Dùileach, Evertype, 2021) a bharrachd air a’ phamflaid cho-sgrìobhte beul-fo-bhonn / heelster-gowdie (Tapsalteerie, 2017). Thathar an dùil ris a’ cheathramh co-chruinneachadh, Polaris, rè ùine.Tha Marcas am measg phrìomh luchd-ealain na film-bhàrdachd ann an Alba. B’ ann leis-san a’ chiad film-dhàn a chaidh a thoirt an lùib an duanaire air-loidhne Dàin Albannaich as Fheàrr aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, ‘An Leabhar II’. Choisinn e coimisean film-dhàn a chruthachadh le Alex Nichol airson na co-labhairt Hands Across the Sea aig An Lanntair, Steòrnabhagh ann an 2022.
‘S esan deasaiche blog nan ealain na Gàidhlig STAING agus deasaiche na Gàidhlig do Phoblachd nam Bàrd agus Northwords Now.
Bhuinnig Mac an Tuairneir Duais Bàrdachd na Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Bhaile na h-Ùige ann an 2017 is chaidh e a mholadh air a’ gheàrr-liosta ceithir uairean ann an sia bhliadhnaichean. Bhuinnig e duais na bàrdachd aig Mòdan Nàiseanta Rìoghail ann an 2020 is 2021 agus chaidh ainmeachadh mar Dràmaire Ùr na Gàidhlig aig Comhairle nan Leabhraichean is Stiùidio Dràmairean na h-Alba ann an 2016. Tha an dà dhealbh-chluich slàn aige Tilleadh is Turadh air Cuach Gaiseat Steòrnabhaigh a choisinn aig Mòdan Nàiseanta Rìoghail aggan 2016 is 2017.
Tha Mac an Tuairneir am measg nan òranaichean as tarraingiche a tha air tighinn am bàrr o chionn ghoirid air saoghal na Gàidhlig is bhuinnig e duàis an òrain ùir aig Mòdan Nàiseanta Rìoghail ann an 2018 is 2020. Bha e ann an cuairt dheireannach co-fhapraisean Bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaidh ann an 2016 is 2021 is Bonn-òir an t-Seann-nòis ann an 2019. Tha e air cliù a chosnadh airson a chuid òrain ùr-nòsach. Ann an 2022 dh’fhoillsich e Speactram, a’ chiad chlàr-ciùil pop ann an cànan na Gàidhlig.
English
Marcas Mac an Tuairneir (Mark Spencer Turner) works in Gaelic, English and Polari and is a critically acclaimed and award-winning writer. He has published three poetry collections (Deò, Gracenote, 2013; Lus na Tùise, Bradan Press, 2016; Dùileach, Evertype, 2021) as well as the co-authored pamphlet beul-fo-bhonn / heelster-gowdie (Tapsalteerie, 2017). A fourth collection, Polaris, is forthcoming.Marcas is amongst the finest exponents of film-poetry in Scotland and his film-poem ‘An Leabhar II’ was the first such to be included in the Scottish Poetry Library’s online Best Scottish Poems anthology. Alongside Alex Nichol, he was commissioned to create a new film-poetry work for the Hands Across the Sea conference at An Lanntair, Stornoway, in 2022.
He is the editor of online Gaelic arts blog STAING and the Gaelic editor of The Poets’ Republic and Northwords Now.
Mac an Tuairneir was the recipient of the Wigtown Gaelic Poetry Prize in 2017, and was shortlisted four times in six years. He won the prize for poetry at the 2020 and 2021 Royal National Mòd. Mac an Tuairneir was named New Gaelic Playwright of the year by Comhairle nan Leabhraichean an Playwrights’ Studio Scotland in 2016. His two full-length plays Tilleadh and Turadh won the Stornoway Gazette Trophy at the Royal National Mòd in 2016 and 2017.
One of Gaeldom’s most exciting emergent singer-songwriters he was the recipient of the award for best new Gaelic song at the 2018 and 2020 Royal National Mòd. Mac an Tuairneir was a Mòd Gold Medal Finalist in 2016 and 2021 and a Mòd Traditional Gold Medal Finalist in 2019. He is also known for his contemporary Gaelic songwriting. In 2022 he released Speactram, the first album of Gaelic-language pop music ever released.