Gaelic
Ged as mòran dhaoine air saoghal na Gàidhlig a dhèanadh luaidh air Màiri NicLeòid (Màiri nighean Alasdair Ruaidh) am measg nam bàrd as fheàrr ann an cànan sam bith, tha fiosrachadh a breith, a h-àraich, a h-àiteachan-tuinidh is a h-èig fo sgàil diùrrais, le coimhearsnachdan air feadh Innse Gall – Na Hearadh, Beàrnaraigh na Hearadh, Pabaigh na Hearadh is an t-Eilean Sgitheanach – ag agairt gum b’ ann dhaibhsan a bhuin i. Bidh a’ mhòr-chuid den na bhios sinn a’ tuigsinn den bheatha aice air tighinn thugainn tro bheul-aithris, agus gu leòr dheth seo air a chlàradh is tasgadh ann an Sgoil Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann. A thuilleadh air sin, ’s ann ann am bàrdachd NicLeòid fhèin a chìthear fiosrachadh a tùis, dlùth-chompanas is far an robh aig diofair amannan, rè a beò. Mar sin, ’s ann don chorpas seo a thilleas luchd-acadamaigeach leithid Anna C. Frater, Iain MacAonghuis is Colm Ó Baoill gus aithneachadh feartan a cunntais-bheatha as urrainn dhuinn cinnteachadh.Sgrìobh John Carmichael Watson, prìomh neach-cruinneachaidh agus neach-deasachaidh a cuid saothrach, cunntas-beatha dhi, stèidhichte air na bha de dh’fhiosrachadh anns na tricheadan, nuair a dh’fhoillsicheadh “The Gaelic Songs of Mary MacLeod”. Bha Watson den bheachd gur ann tro iomraidhean air Ruairidh Mòr (1573–1626) na cuid bàrdachd a fhuaireadh fianais is gun robh NicLeòid ‘na bu shine na leanabh’ ro eug ann an 1626. Mar sin, bu dualtach gum b’ ann na thaigh-sa a fhuair i obair na deugaire, sa chiad dol-a-mach. ’S ann air sgàth sin gu bheilear an dùil gun d’ rugadh i ann an 1615, no ron a’ shin.
Tha caochladh bheachan air àite-breith NicLeòid, leis a’ mhòr-chuid de chunntasan-beatha a’ sònrachadh Ròghadal Eilean na Hearadh. A dh’aindeoin sin, tha sgoilearan eile air agairt gur ann às an Eilean Sgitheanach a bha i. Thug Iain MacAonghuis fianais chànanach am follais ann an sgrìobhadh NicLeòid, a’ toirt a-steach ‘Fuaim an Taibh’, far an leughar feartan dualchainnt na Hearadh ann, nach cluinnear ann an Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich. Bidh sin a’ cur air shùilean dhuinn an sgìre mun cuairt air na Hearadh – Na Hearadh fhèin, Beàrnaraigh na Hearadh is Pabaigh na Hearadh, a tha a-nis gun daoine. Na aiste ann an Gairm, ann an 1953, sgrìobh Alasdair MacNeacail gum b’ aithne fiù ’s do luchd na Hearadh a sloinneadh ‘Màiri nighean Alasdair Ruadh na Droighnich’ agus gur ann tro shin, a b’ aithne dhaibh gur ann an Droighneach fhèin a rugadh i, air oir Loch Hàrport an Eilein Sgitheanaich. ’S e seo an t-àite a-mhàin sna h-eileanan air a bheil leithid ainm, ged as àiteachan gu leòr air tìr-mòr air a bheil an ceudna. A dh’aindeoin sin, ged a tha seo na cheangal eadar a h-athair is an t-Eilean, chan eil sin ri ràdh nach deach a chlann a bhreith anns na Hearadh.
Rè fuaim an taibh
’S uaigneach mo ghean –
Bha mis uair nach b’ e sean m’ àbhaistAch pìob nuallachadh mhòr
Bheireadh buaidh air gach ceòl
Nuair ghluaiste i le meòir Phàdraig
Am measg na feadhna as motha tha airson freumhan Sgitheanach agairt tha Iain MacCoinnich, deasaiche Sàr Obair nam Bàrd Gaelach, agus an trusaiche beòil-aithris An t-Urr. Uilleam MacMhathain. Sgrìobh an dà chuid sin mar a fhuair i obair na banaltram ann an Dùn Bheagain, dreuchd chluinnte aice ann am beul-aithris agus a cuid dhàn fhèin, an dùil is gun robh i fo phàtranachd Iain Bhric (1637-93) aig an aon àm a bha An Clàrsair Dall, Ruairidh MacMhuirich. Bha MacCoinnich den bheachd gun do mhair dreuchd NicLeòid aig Dùn Bheagain ri linn Iain Mhòir (mac is iar-theachdair Shir Ruairidh), Ruairidh (mac Iain), Iain Breac (bràthair Ruairidh), Ruairidh (mac Iain Bhric) agus Tormod (bràthair Ruairidh). B’ ann air sgàth seo a bhathar ag ràdh gur bana-bhàrd Sgitheanach a bh’ innte, tùs Hearach ann no às.
Chan eil iomradh sam bi oirre ann an Cunntasan Oighreachd MhicLeòid, fhad ’s a bha i beò, am measg ‘pàigheadh is airgead-buidheachais bhon Oighreachd airson banaltraim, dìlleachdain, is daoine “neo-chomasach air pàigheadh.”’ Leis gun robh NicLeòid a’ fuireach air oighreachd MhicLeoid is na h-ochdadan aig an àm, bhiodhar an dùil gun nochdadh a h-ainm am measg iadsan a fhuair taic-airgid. Uime sin, bidh luchd-acadamaigeach an là an-diugh a’ togail ceist air beachdan a’ mhòr-shluaigh agus an dàimh mhaireann rinneadh ri Dùn Bheagain. Na aiste ann an Scottish Gaelic Studies, sgrìobh MacAonghuis gun robh “beul-aithris leantaileach a’ cur nar n-aire gum bu bhanaltram i, ach cha b’ ann ann an Dùn Bheagain, ach do theaghlach Sir Tormod MacLeòd Bheàrnaraigh na Hearadh” (c.1614-1705). Bhiodh bàrdachd NicLeòid a’ cur air shùilean dhuinn gur e dàimh na bu làidire a bh’ aice ri Beàrnaigh, a chionn ’s gum bu ghann a b’ fheàrr an t-iomradh air cinn-cinnidh Dhùn Bheagain, an coimeas ri subhailc Shir Thormoid, ga cur an cèill air feadh a saothrach. Mar an ceudna, sin rud a leughar ann am ‘Fuaim an Taibh’:
Shir Tormoid mo rùin,
Olgharach thù
Foirmeil o thùs d’ àbhaistA thasgaidh ’s a chiall,
’S e bu chleachdadh duit riamh
Teach farsaing ’s e fial fàilteach
Ann am beul-aithris, tha làthaireachd NicLeòid dearbhte air an làraich ris an do theireadh ‘Tobhta nan Craobh’ no ‘Tobhta Màiri’, far an robhar an dùil gum biodh NicLeòid a’ fuireach air oighreachd Shir Thormoid – Taigh Bheàrnaraigh. ’S e ceàrnaidh an eilein seo, air a bheil ‘Baile’ sa Ghàidhlig. B’ ann air sàillibh sin gun robh Alexander Morrison an dùil gun robh Watson ceàrr, a’ sgrìobhadh ann an iris Chlann Leòid ann an 1953, mar a dh’eadar-theangaich e iomradh an àite ann am bàrdachd NicLeòid mar bhaile ghnèitheach, mar as ciall an fhacail, ga chur an lùib ‘An Talla am bu Ghnàth le MacLeòid’
An àm dhut tighinn gu d’ bhaile
Is tu bu tighearnail gabhail,
An uair a shuidheadh gach caraid mu d’ bhòrd
Tha co-aontachadh is gun robh NicLeòid pìos math na h-aoise mus an do thòisich i bàrdachd a dhèanamh, agus prìomh amas dhi caidreamh a thoirt don òigridh fo a cùram. Dh’agair Watson gum b’ ann ‘ann an òran, a chuala MacCoinnich, ach nach deach a chlò-bhualadh, is a thàinig gu crìoch le pìos sgrìobhte do “Thormod nan trì Tormod,” gun robh [NicLeòid] air innse gun robh i na banaltram do chòignear uachdarain MhicLeòid agus dithis uachdarain na Comraich.’ Mar an ceudna, bhiodhar an dùil gun robh buaidh nach gann aice air ginealaich uaislean MhicLeòid, ged a nochdadh eas-aonta bho àm gu àm. Ann an aithris Watson tha an ceudna a’ nochdadh eadar mac Shir Thormoid, Iain, a bha den bheachd gun na bu dhlùithe an dàimh eadar e fhèin agus sìol nan ceann-chinnidh. “Thuirt Màiri le misneachd gum b’ ann a thaobh sin nach b’ i bha ìochdarach, agus na b’ uachdaranaiche fiù na bha e fhèin is athair,” sgrìobh Watson – rud nach do chòrd ris a’ ghille idir ach b’ e Sir Tormad a mhùch an aimhreit leis na faclan:
“Leig le Màiri Ruadh agus na cuir an còrr dragha oirre.”
Le sin, bha muinntir Bheàrnaraigh, o an d’ fhuair Watson an aithris, an dùil gun robh i a’ ciallachadh ‘gun robh fios aig Sir Tormod, nan cuireadh a mhac dragh air Màiri, gun mhìnincheadh i rudan a b’ fheàrr leis gun innse.’ Tha am beul-aithris seo na fhianais de dhà fheart de bheatha NicLeòid. An toiseach, a dàimhean ri uaisleachd, às an robh i gu math moiteil, agus na connspaidean a nochd rè a beatha, thoradh dreuchd na bana-bhàird.
Nochd connspaid den leithid, a-rèir John Carmichael Watson, is a dh’adhbharaich fògradh o thìr MhicLeòid. Sgrìobh Ó Baoill, na dhuanaire de bhàrdachd Ghàidhlig an 17mh linn, Gàir nan Clàrsach, gun robh esan den bheachd gum b’ e seo a bha am measg ‘an fhiosrachaidh as lèir dhuinn, ma beatha,’ ged a bhios Frater a’ tilleadh gun diùrrais mun cuairt air an àite far an do thachair sin is an suidheachadh a dh’adhbharaich e, ag agairt ‘nach eilear cinnteach den adhbhar, no den àite dhan deach a cur.’ Bha sgoilearan nan 19mh is 20mh linntean den bheachd gun do shiubhail i gu tuath, o Dhùn Bheagain, an dùil gum b’ ann an-sin a bha i, thar Chaol Idhe.
Bidh Frater a’ gabhail ri faclan NicLeòid, ge-tà, agus iomradh ann am ‘Fuigheall’ far an robh i soilleir is i a’ siubhal gu siar. Tha fianais san aon dàn is gun tàinig naidheachd crìoch a fògraidh à Dùn Bheagain, ged a bhios Frater an dùil gum b’ ann do Bheàrnaraigh a thill NicLeòid. Dh’agair MacAonghuis gum b’ iad sin susbaint is coireal a bàrdachd:
Modern tradition explains that she was given to composing satirical or even obscene songs […] Other explanations are that she aroused MacLeod’s jealousy by her songs to Sir Norman of Bernera, or that she over-praised the chief’s children – a dangerous practice, liable to bring ill-luck upon them.
Mar an ceudna, Bidh MacMhathain ag agairt gun robh NicLeòid air fògradh on a rinn i dàin a thug a-steach “an seòrsa òran a rinneadh le bàird fhireannach a-mhàin.” Ge càite an deach a cur agus ge be an t-adhbhar, tha saothair NicLeòid a’ sealltainn gun robh dreuchd na bana-bhàrd dhi cudromach thar càch agus aig fìor chridhe a beatha. Shònraich Watson susbaint ‘Luinneag MhicLeòid’, a thog nàdair a’ chinn-chinnidh cho mòr gun do chuir e bàta a-nall dhi is nach fhaigheadh i air bòrd gun ghealltainn gun sguireadh bàrdachd a dhèanamh, buileach. Ach, sa bheul-aithris, theireadh nach robh sin na chomas dhi, co-dhiù dà thuras. Nuair a thàinig tinneas air fear de dh’oighreachan MhicLeòid, tharraing NicLeòid fearg a’ chinn-chinnidh oirre fhèin, uair eile. B’ ann na freagairt, gidheadh, a chluinneadh aindeoin, gun teagamh, ged a rinn i bàrdachd gun chead:
“Chan e òran ach crònan”
A-rèir beòil-aithris, b’ e na rinn NicLeòid gus caisgireachd a dhiùltadh agus bàrdachd a dhèanamh aig an stairsneach, on a chaidh cas-bhacaidh a chur oirre òrain a dhèanamh am broinn an taighe is air a thaobh a-muigh. Bidh Frater ag agairt adhbhar eile is gun robh NicLeòid air fhògradh às dèidh 1675, a’ soilleireachadh ùpraid phoilitigeach a lean às dèidh co-arbas Uilleim is Màiri, a bhiodh na phrìomh adhbhar dheth.
Anns na h-òrain a rinn NicLeòid rè a fògraidh, tha i a’ nochdadh gun fhearg no doicheall ro a ceann-chinnidh, a’ sealltainn nach robh i fo a mhì-thlachd. Sna rannan seo, cha robh i fo an-fhois, no teagmhach ro naidheachd a h-ais-ghairm, ach aighearach a bhith a’ tilleadh – rud a sheallas nach robh adhbhar eagail aice ro MhacLeòid.
’S ann san dàimh eadar NicLeòid is Sir Tormod as urrainn dhuinn tomhas a dhèanamh air ceann-là a bàis, an dùil gur h-e am marbhrann a rinn e don cheann-chinnidh an t-òran mu dheireadh aice, a rinneadh às dèidh 3mh a’ Mhàirt, 1705. ’S ann air sàillibh sin, gu bheilear cinnteach gun robh NicLeòid còrr is naochad bliadhna dh’aois, ged a chanas co-dhiù aon charragh-chuimhne anns an Eilean Sgitheanach gun do mhair i 105 bliadhna – rud a dh’agair MacCoinnich, cuideachd – mas ann an 1615 a rugadh i. Thathar an dùil gun deach NicLeòid a thòrradh ann an Eaglais Naoimh Chliamhainn, rud a thug cearcall a beatha air ais i gu àite a tùis, mas ann an Ròghadal a rugadh i. ’S ann anns a’ bheul-aithis, uair eile, a tha beartas naidheachdan a h-amhlaigidh, on a dh’iarr i, a-rèir seanchais, a cur na laighe beul foidhpe gus a ‘beul breugach’ a chumail fo thost. A dh’aindeoin sin, ’s a ann fhathast a bhios bàrdachd NicLeòid a’ còrdadh ri daoine – rud a mhaireas tron na linntean – agus ’s ann tric a chluinneas a cuid òran am measg stòir sheinneadairean is còisirean, air feadh Alba.
English
Though lauded across Gaeldom as one of the greatest poets of her age, in any language, the details of Mary MacLeod’s birth, upbringing, residences and death are shrouded in mystery, with several Hebridean communities – Harris, Berneray of Harris, Pabbay of Harris and Skye – laying claim to her. Much of what we do believe to be true of her life comes down to us through oral history, some of which has been recorded and archived at the School of Scottish Studies, University of Edinburgh. However, it is MacLeod’s own poetry which serves best to pinpoint her origins, affiliations and whereabouts at different stages of her life. Therefore, it is to this corpus that contemporary scholars such as Anne C. Frater, John MacInnes and Colm Ó Baoill return, in discerning what aspects of her biography can be stated with any degree of certainty.John Carmichael Watson, the primary collector and editor of her oeuvre presents, in his introduction, an overview of what was understood of her life, around the time “The Gaelic Songs of Mary MacLeod” was published in the nineteen-thirties. Watson posited that references to chief Ruairidh (Roderick) Mòr (1573–1626), in her poetic works, evidence that MacLeod must have been ‘more than an infant’ prior to his death in 1626, with it being likely that she was originally employed in his household, commencing employment there as a teenager. It is for this reason that her birth is most likely to have been around 1615 or earlier.
Opinion is divided over MacLeod’s birthplace, with the majority of her biographies citing the Isle of Harris, specifically Rodel. However, some commentators have advanced theories of her being a Skyewoman by birth. John MacInnes points to linguistic evidence in MacLeod’s own writing, including ‘Fuaim an Taibh’, which displays features of the Harris dialect, which do not feature in the Gaelic of Skye. This narrows the region of her birth and upbringing to the region of which Harris, Berneray of Harris and the now uninhabited Pabbay of Harris are part. Alasdair MacNeacail, in his 1953 article in Gairm, notes that even the people of Harris know the poetess by her sloinneadh ‘Màiri nighean Alasdair Ruadh na Droighnich’ and that it is this that places her birth at Drynoch, on the edge of Loch Harport in Skye. This is the only place in the Isles to have such a name, whilst others exist on the mainland. However, whilst this links MacLeod’s father to Skye, it does not preclude the birth of his children being in Harris.
Rè fuaim an taibh
’S uaigneach mo ghean –
Bha mis uair nach b’ e sean m’ àbhaistAch pìob nuallachadh mhòr
Bheireadh buaidh air gach ceòl
Nuair ghluaiste i le meòir Phàdraig(At the ocean’s sound / my mood is forlorn / not always has feeling thus been my custom / But a great roaring pipe / that left all music behind / when it was stirred by Patrick’s fingers – trans. Professor Meg Bateman)
Amongst those keen to assert Skye origins are John Mackenzie, collector and editor of Sàr Obair nam Bàrd Gaelach, and folklorist Rev. William Matheson. Both cite her engagement as a nursemaid at Dunvegan, an occupation attested in folklore and her own poetry, presuming her to be primarily under the patronage of Iain Breac (1637-93) at the same time as An Clàrsair Dall, Roderick Morison. Mackenzie claims that MacLeod’s tenure at Dunvegan lasted through the chiefdoms of Iain Mòr (Sir Roderick Mòr’s son and successor), Roderick (Iain’s son), Iain Breac (Roderick’s brother), Roderick (Iain Breac’s son) and Norman (Roderick’s brother). It is for these reasons that, regardless of a Harris birth or not, MacLeod is considered by some to be a Skye poet.
The MacLeod Estate Accounts, from the period MacLeod was alive, do not reference her amongst the ‘disbursements and gratuities from the Estate to widows, orphans, and “insolvent” persons.’ Given that MacLeod would have been living into her eighties on the Dunvegan estate, it would be expected that her name would feature amongst those receiving fiscal support. To this end, contemporary scholars question the widespread belief surrounding MacLeod’s long-time association with Dunvegan. John MacInnes, in his essay in Scottish Gaelic Studies, notes “a persistent oral tradition that she was a nurse, not in Dunvegan, but in the household of Sir Norman MacLeod of Bernera[y]” (c.1614-1705). MacLeod’s poetry would, in fact, suggest a more lasting personal, if not professional, affiliation to Berneray, given that reference to the aforementioned Dunvegan chiefs is scant at best in comparison to the virtues of Sir Norman, extolled across her oeuvre. This is again evidenced in ‘Fuaim an Taibh’:
Shir Tormoid mo rùin,
Olgharach thù
Foirmeil o thùs d’ àbhaistA thasgaidh ’s a chiall,
’S e bu chleachdadh duit riamh
Teach farsaing ’s e fial fàilteach(Sir Tormod, my love, / one of Olghar’s blood, / your custom of old, resplendent. / O, treasure and dear, it was ever your way . to keep a generous and ample household – trans. Professor Meg Bateman)
In folklore, MacLeod’s presence in Berneray is attested on the site variously referred to as ‘Tobhta nan Craobh’ (The Ruin of the Trees) or ‘Tobhta Màiri’ (Mary’s Ruin), believed to be where she lived on Sir Norman’s estate, Berneray House. It is this part of the island, known in Gaelic simply as ‘Baile’, which Alexander Morrison, writing in the Clan MacLeod Magazine in 1953, believes Watson came aground, translating the reference to the area in MacLeod’s poetry as a generic ‘homestead’, which is indeed the name of the place’s etymological meaning, as seen in ‘An Talla am bu Ghnàth le MacLeòid’ (The Hall Once Owned by MacLeod)
An àm dhut tighinn gu d’ bhaile
Is tu bu tighearnail gabhail,
An uair a shuidheadh gach caraid mu d’ bhòrd(When you came to your Baile / it is you who bore nobly / when all your friends were seated at you table – trans. Marcas Mac an Tuairneir)
There is certain consensus around MacLeod commencing to compose her works later in life, with her primary focus being to create works which would entertain the youngsters in her charge. Watson notes that, ‘In a song, which Mackenzie heard but which was never printed, and which ended with an address to “Tormod nan trì Tormod”, [MacLeod] mentioned that she had nursed five lairds of the MacLeods and two of the lairds of Applecross.’ As such, her influence across the generations of the MacLeod nobility is expected to be widespread, though disputes did occur. Watson refers to one such disagreement with Sir Norman’s son Iain, considering himself to be more closely related than MacLeod to the line of the chiefs. “Mary declared with confidence that in that respect she was no whit inferior, perhaps superior, to him and his father,” claims Watson, which did not please the boy at all, but the rising dispute was quelled by Sir Norman himself with the words:
“Leig le Màiri Ruadh agus na cuir an còrr dragha oirre.”
“Leave Red Mary alone and do not bother her further”, which Berneray folk, from whom Watson received the account, suggested signified that ‘Sir Norman knew that Mary, if pressed too far, might disclose what would be better hidden.’ This folklore attests two key aspects of MacLeod’s life. Firstly her connections to nobility, of which she was understandably proud, and secondly the controversies which punctuated her life as a result of her poetic career.
One such conflict is believed by John Carmichael Watson to be the cause of her exile from the MacLeod lands. Ó Baoill, in his anthology of 17th Century Gaelic poetry, Gàir nan Clàrsach, believes that this is ‘one of the few clear facts about her life’, though Frater returns to the mystery surrounding the location and circumstances, stating that ‘neither the reason for it, nor the location to which she was sent, are known for certain.’ Commentators from the nineteenth- and early-twentieth century believed MacLeod’s trajectory to be northward, from Dunvegan, presuming it was here she was engaged, via the Sound of Iona.
However, Frater takes MacLeod at her word, where, in ‘Fuigheall’ she states her journey was westward. The news of her exile coming to an end is evidenced here as coming from Dunvegan, though Frater believes it was to Berneray MacLeod returned. MacInnes posits that this again suggests the reasons for her exile being the content and tone of her poetry:
Modern tradition explains that she was given to composing satirical or even obscene songs […] Other explanations are that she aroused MacLeod’s jealousy by her songs to Sir Norman of Bernera, or that she over-praised the chief’s children – a dangerous practice, liable to bring ill-luck upon them.
Similarly, Matheson suggests that MacLeod was exiled for composing “the type of songs which were the preserve of male bards.” Wherever she was sent and whatever the reason, MacLeod demonstrates that the poetic vocation was paramount and key to her existence. Watson, in particular, points to the content of ‘Luinneag MhicLeòid’, which provoked the chief to send a boat for her, which she was not allowed to board wthout vowing to cease composing poetry at all. Yet folklore attests that, on at least two occasions, MacLeod was unable to do so. When one of the MacLeod heirs took ill, MacLeod again incurred the chief’s displeasure. Yet, in her response, we see certain defiance, despite composing without permission:
“It is not a song, it is only dirge”.
Folklore attests that MacLeod’s response to the censorship of her poetry was to compose her songs at the threshold, barred as she was from making songs outwith and within the house. Frater posits a third possible reason for the exile having taking place after 1675, citing the political upheaval following the succession of William and Mary being the primary motivator.
In the songs composed during her exile, MacLeod displays no anger or resentment towards her chief, indicating that she was not in his disfavour. She is not anxious or uneasy at the news of her recall, but joyful at the prospect of returning home, showing that she had nothing to fear from MacLeod.
It is again through MacLeod’s affinity with Sir Norman, that we can posit a date for her death, presuming her marbhrann to the chieftain to be her last work, dated after 3rd March, 1705. It is for this reason, whilst one memorial in Skye states she lived to the age of 105 – also asserted by Mackenzie – we can safely assume that MacLeod lived to be a great age, surviving into her ninetieth year, at least, if her year of birth around 1615 is to be accepted. MacLeod is believed to be buried at the Church of St Clements in Rodel, meaning, if she was born here, her life path took her full circle. Again, folklore surrounding her interment is rich, with MacLeod requesting to be buried face down to keep her ‘lying mouth silent’. Despite this, MacLeod’s poetry has continued to be enjoyed and celebrated through the centuries and her songs still feature in the repertoires of Gaelic singers and choirs across Scotland.