Gaelic
Tha Lisa NicDhòmhnaill a’ fuireach ann an Ach’ ‘Ille Bhuidhe anns a’ Chòigich. Tha i an sàs ann an iomadach rud mar phàrant, mar òradaiche aig Sabhal Mòr Ostaig, mar thidsear bun-sgoile agus anns a’ choimhearsnachd. Tha ùidh mhòr aice ann am foghlam tràth-ìrean, agus i ag obair air rannsachadh PhD air a’ chuspair. Tha i air sgeulachdan goirid, aistidhean, cuilbh agus bàrdachd fhoillseachadh ann an irisean leithid Tuath/Northwords Now, Am Pàipear Beag, The National, Cabhsair, An Croitear agus Urras Leabhraichean na h-Alba, agus choisinn i Duais Bàrdachd Bhaile na h-Ùige ann an 2014. Chaidh an cruinneachadh Mnathan na Còigich fhoillseachadh ann an 2022. Tha i air a beò-ghlacadh le farsaingeachd shuidheachaidhean, agus leis an dòigh anns a bheil co-theacsa a’ toirt buaidh air roghainnean, dàimhean agus coimhearsneachdan gun fhiosta dhuinn. Gu math tric ’s ann coltach ri dealbhan luath a tha na pìosan bàrdachd agus na sgeulachdan goirid aice, mar thiotan reòithte, no mar lasraichean obann.
English
Lisa lives in Achiltibuie in the North West Highlands. She wears many hats as a mum, a community activist, a primary school teacher and a lecturer at Sabhal Mòr Ostaig. She takes a deep interest in Early Years education and Gaelic language acquisition, which is also the subject of her PhD research. Her short stories, essays, columns and poetry have been widely published (Northwords Now, West Highland Free Press, The National, Cabhsair, The Crofter, Scottish Book Trust), and she won the Wigtown Gaelic Poetry Prize in 2014. Her collection, Mnathan na Còigich | The Women of Coigach, was released in 2022. She is fascinated by context – by the big picture, and the way choices and circumstances ripple across communities, relationships and time in ways unforeseen and unexpected. Many of her poems are snapshots, moments frozen in time, tipping points held fast.
Read the poems
Further Information
A Triptych of Stories by Lisa MacDonald in Northwords Now, Issue 30, 2015
Home Experience (Stories of Home) – Scottish Book Trust, Book Week Scotland 2014, audiofile on SoundCloud
The Carrying Stream: towards a plurality of possibilities in Enough! June, 2021 – collaborative essay
