Gaelic
Rugadh Iain S. Mac a’ Phearsain an Edmonton, Alberta, an 1965. Bhuineadh teaghlach athar do dh’Ìle, agus teaghlach a mhàthar don Eilean Sgitheanach agus do Mhuile, mus do dh’imrich iad gu Prince Edward Island. Thogadh Mac a’ Phearsain eadar Prince Edward Island agus na prèiridhean, agus chuala e Gàidhlig anns an dà àite, cuide ri Fraingis agus Ucràinis. Às dèidh dha a dhol dhan Oilthigh an Alberta agus an Alba Nuadh, thàinig e a dh’Alba an 1996, agus bha e na òraidiche airson deich bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig; tha e a-nis na òraidiche ann an Gaeilge agus Ceiltis aig Ollscoil Uladh. Tha e air obair a dhèanamh do BhBC Radio nan Gàidheal, a’ sgrùdadh saoghal nan Arabach agus an Ear-mheadhan.
Bidh Mac a’ Phearsain a’ sgrìobhadh bàrdachd agus rosg anns a’ Ghàidhlig, a’ Bheurla, agus ann am Fraingis, agus tha e a’ faireachdainn gu bheil an dealas aige dhan Ghàidhlig a’ ciallachadh co-fhaireachdainn airson mion-chànain agus mion-chultaran eile. Tha na dàin aige air nochdadh ann an New Writing Scotland, ann an duanairean leithid Wish I Was Here, agus ann an Struileag: Shore to Shore, cruinneachadh de dhàin agus rosg bho Ghàidheil air feadh an t-saoghail. O chionn greis bha e na dheasaiche airson An leabhar liath / The light blue book: 500 years of Gaelic love and transgressive verse (Luath, 2016).
English
Iain S. MacPherson was born in Edmonton, Alberta, in 1965. His father’s side has Islay roots, while his mother’s family originated in the Isle of Skye and in Mull, before emigrating to Prince Edward Island. Growing up between the prairies and PEI, he was exposed to Gaelic speakers in both places, as well as French and Ukrainian. After university in Alberta and Nova Scotia, he came to Scotland in 1996, and lectured for ten years at Sabhal Mòr Ostaig; he is now a lecturer in Irish and Celtic Studies at Ulster University. He has worked for BBC Radio Gaelic, commenting on the Middle East and the Arab world.MacPherson writes poetry and prose in Gaelic, English and French, and feels that his commitment to Gaelic implies sympathy for other minority languages and cultures. His poetry has appeared in New Writing Scotland , in pocketbooks anthologies such as Wish I Was Here, and in Struileag: shore to shore, a collection of poetry and texts from the Gaelic diaspora (Polygon, 2015). He has recently co-edited An leabhar liath / The light blue book: 500 years of Gaelic love and transgressive verse (Luath, 2016).