Ùrnaigh-Chiùil do Naomh Seumas

Ùrnaigh-Chiùil do Naomh Seumas Tha Santiàgo ga phìobaireachd - ga bheannachadh na dhùthaich fhèin air Là Fèill An Abostoil fada bho Chompostela ach, tro iochd a ghràsan, car goirid dhan chuan.
Cuiridh an xeremie an tambori is an duiseal a chuid urraim an cèill mar a rinneadh ro-mhinig, tha teans’ thar nan linntean;
agus fhad’s a dh’ èisteas, le foighidinn, am fear mòr - fuamhaire papier-mâché – air stairsnich Talla a’ Bhaile tilgidh a’ ghrian a làn cumhachd air an dòrlach urracha beaga a b’ urrainn a bhith an làthair
is leaghaidh iad gun tròcair nan deiseachan troma ’s nam brogan teanna, leathair, spaideil,
farmad guineach aca, nan lòin, ri na cluicheadairean - ’s ann dreaste gu leòr a tha an ceòl: faodaidh an trusgan a bhith cho aotram, saor,’s a thograr;
rud dhan toir bodach bacach an aire, ’s coltach, oir le grèim-bàis air a fhrèam-coiseachd, nì e ceumannan – steapagan-dannsa- a bheir cliù is urram dha fhèin an toiseach ach taing nach beag, chanadh mòran, do Naomh Seumas, airson a chuairt a chùmhnadh am fad is an leud aon bhliadhn’ eile
Translations of this Poem
A Musical Prayer to Saint James
Santiago is being piped and blessed
in his own land
on the Feast Day of the Apostle
far from Campostela
but, through the clemency of his grace
quite close to the sea.
The xeremie, tambourine and flute
sing respect
as often throughout the centuries,
and while the main man
– a papier-mâché giant – listens patiently
on the threshold of the Town Hall,
the sun beats down intensely
on the handful of worthies
in their heavy suits
and smart, tight, leather shoes,
madly jealous, in their drenched state,
of the players –
sartorial music demanding no other code;
something an old fellow seems to notice
and with a deathly grip on his walking-frame,
he tries some moves – dancing steps
which congratulate himself firstly
before giving thanks – great thanks,
many would say – to St James
for keeping his journey
the length and breadth of one more year
