Ã’ran Eile
Tha mise fo mhulad san à m,
Chan òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann am’ chà il
A dh’fhiosraich do chà ch mo rùn;
Chan fhaic mi dol seachad air srà id
An cailin bu tlà ithe sùil –
‘S e sin a leag m’ aigne gu là r
Mar dhuilleach o bhà rr nan craobh.
A ghruagach as bachlaiche cùl,
Tha mise gad ionndrainn mòr;
Ma thagh thu deagh à ite dhut fèin,
Mo bheannachd gach rè g’ ad chòir;
Tha mise ri osnaich nad dhèidh
Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
Na laighe san à raich gun fheum,
‘S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
‘S e dh’fhà g mi mar iudmhail air treud,
Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
Do thuras thar chuan fo bhrèid,
Thug bras shileadh dheur o m’ shùil;
B’ fheà rr nach mothaichinn fèin
Do mhaise, do chèill ‘s do chliù,
No suairceas milis do bhèil
As binne na sèis gach ciùil.
Gach anduin’ a chluinneas mo chà s
A’ cur air mo nà dar fiamh,
A’ cantainn nach eil mi ach bà rd
‘S nach cinnich leam dà n as fiach –
Mo sheanair ri pà igheadh a mhà il
Is m’ athair ri mà ileid riamh –
Chuireadh iad gearrain an crann
Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
Is fad’ a tha m’ aigne fo ghruaim,
Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
Mi ‘m breislich mar à nrach a’ chuain
Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
‘S e ionndrainn d’ Ã bhachd bhuam
A chaochail air snuadh mo neòil,
Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
Cha dùisgear leam ealaidh air à ill’,
Cha chuirear leam dà n air dòigh,
Cha togar leam fonn air clà r,
Cha chluinnear leam gà ir nan òg;
Cha dìrich mi bealach nan à rd
Le suigeart mar bhà mi ‘n tòs,
Ach triallam a chadal gu brà th
Do thalla nam bà rd nach beò.