O Uinneag Chòir
Chunnaic mi solas an uinneag an taighe
oidhche gheamhraidh aiteamhail
steach baile
far am buininn
là no dhà o cheana.
O uinneag chòir
thoir dhomh an sealladh
neach deach an aire
leth-choigrich,
O uinneag chòir, innis a’ bhreug.
O uinneag chòir, innis a’ bhreug
’s an latha bhuainn
às amhairc dhuinn
an fhìrinn bhuam
’s gun mi teann co-dhìu dhan fheallaidheachd.
Nan seasainn tric
chan fhaicinn sìon
’s e chuireadh reub an latha dhìom
bhith tarraing às
bhith dìleas dhuibh
o chuimhneachan an atharrachaidh;
bhith tarraing às
bhith dìleas dhuibh
o chuimhneachan an atharrachaidh.
Translations of this Poem
Oh Kind Window
I saw a light in the window of the house
on a night of winter thaw
through a village I belonged to
a say or two ago.
Oh kind window
give me the sight that never caught
a half-stranger’s attention.
Oh kind window, lie.
Oh kind window, lie
for the day us gone from us
out of our sight
take truth from me —
I’m not bound to its philosophy anyway.
If I stood often
I’d cease to see
kept from day’s tearing
as I made off
loyal to you
oh memorial of change
as I made off
loyal to you
oh memorial of change.
