Lochinbar agus msaa

Cha robh sìon a dh’fhios a’m cò e No cò às an tàinig e, ach ’s dòcha bhon iar. Nam bheachd sa, ’s mi aois naoi bliadhna, Dh’ fhaodadh e bhith à Barraigh Neo ma dh’fhaoidte Pàirc Choille Cheilbhin. Bha each aige agus claidheamh-leathann Agus ’s math bha fhios agamsa, chionn ’s rinn mi Dannsa a’ Chlaidheimh Ann an Aitreabh nan Gàidheal Gum b’ e fìor inneal sgriosail a bha sin. Lochinbhar! Gaisgeach gun teagamh Agus mheall e iad uile aig Talla Netherby Gu h-àraidh am fleasgach bochd, ad a’ snìomh na làimh, Duine gun fheum a sheas le coltas an amadain Nuair a sguab mo laochan Lochinvar leis an Leadaidh Ann an dannsa Galliard; mun cuairt, mun cuairt agus a-mach an doras Thog e suas i air an dìollaid agus a-mach a ghabh iad. B’e sin deireadh na sgeulachd Ach dhomhsa cha robh ann ach toiseach-tòiseachaidh Faclan ùra, sreathan milis agus ruitheamachd Gam thogail-sa a-mach air doras na sgoile bige Fada thairis air crìochan Ghlaschu, C5 ’S mi fhathast a’ sireadh gach bruach, gach coille is sgor Airson modh, saoirse agus onair Cùisean-smuain nach gabh tomhas A tha Ivanhoe, Rab Ruadh agus an Oirfideach Mu Dheireadh Air an cur gu domhain ann an dualchas mo chridhe.
Translations of this Poem
Lochinvar and All That
I did not know who Lochinvar was
Or where he came from – except it was the West.
From my perspective aged 9,
That could easily have been Barra
Or maybe Kelvingrove Park.
He had a steed and a broad sword
And I knew from dancing the swords in the Highlanders Institute
That they could be a weapon of mass destruction.
Lochinvar!
A real hero
He tricked them all at Netherby Hall
Especially the poor bride groom
A twit
Who could only stand by twirling his hat
As Lochinvar danced his lady in a Galliard out of the door
Lifted her onto the saddle and rode off.
That was the end of the story
But for me it was just a beginning
New words and fine lines and galloping rhythms
Pulled me to out of the door of the junior school
Past the confines of Glasgow, C5
Still searching over bank, bush and scaur
For Chivalry, freedom, honour
Those elusive things
That Ivanhoe, and Rob Roy and the Last Minstrel
Planted firmly upon the native heath of my heart.