Iomain

Tiugainn a dh’iomain. Seo Latha na Callainn
’s tha sinn aig a’ phàirc a’ feuchainn nan caman ùra
a dh’fhaicinn a bheil dìorraich unnta,
cho binn sa tha an glòir, an cuideam nur làmhan.
B’urrainn dhut cromadh na cruinne a thomhas
ann an camadh nan lannaichean, ann an srann na cnapaig’ –
tha an eachdraidh againn fhìn air a sgrìobhadh fad linn
anns a’ ghluasad eadar bàir ’s bogha ’s tadhal.
Tha freumhan a’ ghèaim a dol air ais gu Linne na Fèinne
thar mòr-thìrean, tro chogaidhean ’s sìth, fèist ’s acras,
ach tha e fhathast cho luath ri fèidh, ri rèis gearra.
Adhar no talamh? Brag an uinnsinn. Piann agus àgh.
Seo e a-nis: nach tig sibh a dh’iomain?
Translations of this Poem
Iomain
Translator: Pàdraig MacAoidh Peter Mackay
Come and play. It’s the first day of the New Year
and we’re on the field, trying out the new camans,
to see if they leave a dìorraich in the wrist;
how sweet their song is; the weight in the swing.
You could measure the curve of the earth
by the bend in the laminate, the hum of the ball;
a history of our people can be read in the flowing move
from bàir to bogha to tadhal to goal.
The game’s been raging from the days of the Fianna,
across continents, through war and peace, feast and hunger,
but still moves as fast as a deer, as a race of hares.
Game of earth and air, ash on ash, pain and joy.
Seo e a-nis: nach tig sibh a dh’iomain?
