Duilleag
Dhuilleag, dè an teachdaireachd
a th’ agad dhuinn an-diugh?
’S e gun tàinig foghar oirnn
’s gun deach na craobhan ruadh.
Dhuilleag, dè do chòta ùr
is tu cho spaideil ann?
Sin am fear as annsa leam
a mhìnicheas an t-àm.
About this poem
This short poem is a dialogue with the first red leaf of autumn.