Dàn
‘Bhàsaichinn,’ arsa mise gu grad
nuair dh’fhaighnich iad dhìom mo staid,
‘nam fàgadh e mi air oidhche stoirmeach,
’s cha sguirinn a ghal –
is cha bhiodh stiùir air mo chiall
is cha bhiodh mo chridhe ach cas.’
’S ann mar sin a thachair,
gus an do stèidhich mi mo reachd
is chiùinich mi mo bhàt’
is dh’acraich mi m’ inntinn,
m’ inntinn fhroiseach dhubh-acrach ghoirt,
’s cha do bhàsaich mi –
O anaim bhochd!
Translations of this Poem
Translator: Catrìona NicGumaraid
Catriona Montgomery
‘I would die,’ I said abruptly
when they asked my state
‘should he leave me on a stormy night,
I wouldn’t stop crying –
my reason would have no rudder
and my heart would be in turmoil.’
That’s what happened
till I steadied my form
and I calmed my boat
and starved my mind,
my black hungry frothing mind,
and I did not die –
O wanton soul!
