Càirdeas

Dè a th’ann? Deich thar fhichead bliadhna
o chaidh sinn a’ campadh ann an Tolastadh
’s air a’ Bhràighe: meanbh-chuileagan,
fuachd an t-samhraidh, sleeping bags,
sliasaid ri sliasaid, craiceann ri craiceann,
fàileadh cùbhraidh fiodh air an teine agus,
seadh, bruadaran na h-òige agus cinnt gun
robh a h-uile càil fhathast romhainn.
Bruadaran: aig teampall Asclepius, Dia an
leigheis, ann an Trikala, bhiodh iad a’
dèanamh an adhraidh do Mnemosyne,
màthair nan ceòlraidhean, leis an dòchas
gum biodh i gad chuideachadh aisling sam
bith a bh’agad agus ann an sin a
chuimhneachadh. ’S e slànachadh a bhiodh
ann an sin, ’s dòcha, ach cha chreid mi g’
eil an ìomhaigh buileach ìomchaidh an-
dràsta ’s mi a’ feuchainn ri guth mo
bhàrdachd a thoirt nas fhàisge ri mo ghuth
àbhaisteach, ge bith dè a tha sin a’
ciallachadh,
dè seòrsa pasgan cèidse no cliabh a
th’ann. Ach tha e a’ faireachdainn
cudromach dhomh nach b’ iad caractaran
mo chuimhn’ a-mhàin a bh’ anns an triùir
againn a’ bleadraigeadh fon ghealaich air
an tràigh mar chràbhaichean as dèidh na
seirbhis, agus gur ann an dà-rìribh a tha
sinn an seo a-nochd, ann an taigh-bidh’ a’
coimhead ciaradh an fheasgair a’ muthadh
cala Steòrnabhaigh, fhathast na h-aon
cleasan agus obagan a bh’ againne riamh ri
fhaicinn: do theanga, agus thu a’ tarraing
asainn, a’ tighinn nas fhàide a-mach nad
bheul na shaoillin ’s a bhiodh comasach,
agus thusa, do chorragan glaiste mar
mhullach theampaill, gàire bhragail air
d’aodann agus ceistean ro choileanta, ro
phearsanta an-còmhnaidh air do liopan.
Tha e doirbh a ràdh dè a tha thu ag
ionndrainn gus am bi e air do beulaibh, a’
suidhe timcheall bòrd còmhla riut, aig ithe
Yum Gai Yang, gach facal mar shnàithlean
tìm a’ ruith tro luchairt-cuimhne. Duilich?
Agus mis’, ciamar a tha mis’ faighinn air
adhart? An d’fhuair mi toileachas riamh?
Dè am bruadar a bha agam air a’ Bhràighe?
An e an triùir againn a bh’ann? Hut. Deich
thar fhichead bliadhna, tha thu ’g ràdh?
Translations of this Poem
Friendship
Translator: Pàdraig MacAoidh Peter Mackay
What is it? Thirty years since we camped in
Tolsta and on the Bràighe: midges and the
summer cold, sleeping bags, thighs against
thighs, skin against skin, the smell of
fenceposts – stolen strainers – on the fire
and, yes, those were the dreams of youth
and everything still in front of us. Dreams.
At the temple in Trikala to Asclepius, the
god of medicine, they also paid worship to
Mnemosyne, mother of the muses, in the
belief she could help you remember any
vision you had while sleeping there. That
could be a healing of sorts, but does not
seem the right register here, as I try to
bring the voice of my poetry closer to my
speaking voice, whatever that bundle, that
creel might be, because it feels important
that those three people blethering on the
beach in the moonlight like worshippers
after a service are not just inventions of my
memory, and that we are really all here
tonight, in a restaurant watching the dusk
like incense smothering Stornoway harbour,
still with the same tics and habits we ever
had: your tongue when you’re taking the
piss coming further out of your mouth than
is surely possible; your fingers pressed
together like a temple roof, an impish smile
on your face as you ask too perfect, too
personal questions. It is hard to say what
you have missed until it is there, sitting
round a table with you, eating Yum Gai
Yang, each word a thread of time leading
through a memory palace. Sorry? And me,
how am I getting on? Did I ever find
happiness? What was that dream on the
Bràighe? Was it actually us three? Hut.
Thirty years ago, you say?
About this poem
Càirdeas was written by Makar Peter Mackay for Book Week Scotland (2025).
