Ar Tìr ’s Ar Gaisgich A Thuit sna Blàir
(ii)
’S iomadh fear àlinn, òg, sgairteil, deas-làmhach,
Ait-fhaoilt air chinn a bhlàth-chridh’,
Tric le ceum daigheann, làidir, ceum aotrum, glan, sàil-ghlan
Dhìrich bràigh nam beann mòra,
Chaidh a choinneimh a’ bhàis –
Tric ga fhaireach’ roimh-làimh –
Chaidh suas chum a’ bhlàir
’S tha feur glas an-diugh ’fàs
Air na dh’fhàg innleachdan nàmh,
Innleachdan dhubh-sgrios an nàmh a chòrr dheth.
Ged bha cuid dhiubh, nuair bu bheò iad,
Tric nach b’ mhìn rèidh sinn còmhla,
A! thuit iad air còmhnard na strì,
Fhuair sinn sìnt’ iad lem bàs-leòintean
An dusd eudreach’ – nab ha chòrr dhiubh –
An laighe ’sinaedh mar mheòir-shìnt’ –
’Smèideadh, ’stiùireadh,
’Sparradh ùr-oidhirpean òirnne,
Strì air ’n adhart, strì còmhla,
An taobh a thuit iads’ dol còmhl’ ruinn,
Null thar còmhnard na strì.
Bi’s mo chuideachd geàrr-uin’,
Duin do rosg-sgailean air d’ shùil,
’N seòmar ionmhais do smaoin,
’S caoin sholas òg-mhaidne, ciùin-mhaidne, òg-mheis,
Ga lìonadh, a’ briseadh tre uinneig a’ chùil –
’N aite taige, tadhal d’anma,
’Fasgadh cuspairean a’ mhùirn,
An sin – tog, taisg dealbh orra
Fairich, cluinn,
An smèideadh, an cainnt ruinn –
An rùn-gnìomh air an tug iad an deò
Suas, ’nan càradh
Air an àr-làr,
Air a ghleidheadh dhuinn beò,
Mar gun snaigheadh fear seòlt’
Cuimhneachan cloiche gun phrìs –
‘Bi’bh deas gu leum an àirde,
Le ceum gaisgeil, neo-sgàthach, dàna,
Bi’bh null thar còmhnard na strì,
Na lagaich ach bi’bh làidir,
Bi’bh ’nam badaibh is pàidhibh,
Am fèin-mhuinghin leag gu làr dhaibh,
Air adhart, air adhart
Seo an rathad,
Cuir a’ bhratach an sàs,
Daigheann, àrd,
Air sliabh glòrmhor Deagh-sìth!’