Air an Somme
An oidhche mus deach sinn a-null
Bha i drùidhteach a’ sileadh,
Bha mi fhèin ’nam laighe ’n cùil
’S thug mi sùil feadh nan gillean.
Ochan ì, ochan ì,
Tha sinn sgìth anns an ionad.
Ochan ì, ochan ì.
Cuid ’nan suidhe ’s cuid nan suain,
Cuid a’ bruadair ’s a’ bruidhinn,
Gu robh mhadainn gu bhith cruaidh –
‘Saoil am buannaich sin tilleadh?’
‘Cha dean biùgaileir le bheul
Ar pareudadh-ne tuilleadh;
Thèid ar dealachadh bho chèil’,’
Thuirt mi fhèin far mo bhilean.
Agus mar a thubhairt b’fhiòr,
Chaidh na ciadan a mhilleadh,
Chaidh an talamh as a rian
’S chaidh an iarmailt gu mireag.
Dhubh an àird an ear ’s an iar,
Is an sliabh gu robh crith ann,
Is chan fhaighinn m’anail sìos –
Aileadh cianail an tine.
Is cha chluinninn guth san àm
Aig commandair gar leigeil,
Bha na balaich ’s iad cho trang
Cumail thall na bha tighinn.
Bha gach fear a’ caogadh sùl,
’S e air cùlaibh a chruinneig,
A’ cur peileir glas a-null
Le uile dhùrachd a chridhe.
Translations of this Poem
On the Somme
The night before we went over
The soaking rain poured down;
I lay in a corner
And looked around the lads.
Ochan ee, ochan ee,
We are tired in this place;
Ochan ee, ochan ee.
Some sitting, some slumbering,
Some dreaming and talking,
Saying the morning would be hard –
‘Do you think we can make it back?’
‘Never again shall a bugler
Call us on parade;
We shall be separated one from another,’
I murmured to myself.
What I’d said proved true:
Hundreds were undone;
The earth erupted
And the skies went crazy.
The east and the west grew black
And the hillside shook,
And I couldn’t draw breath –
The dreadful smell of the fire.
At the time I could hear
No commander urging us on;
The boys were fully occupied
Repelling the attacks upon us.
Each man was cocking an eye
Behind his sweetheart,*
Sending over a grey bullet
With his utmost will.
*i.e., his gun
translated by Ian MacDonald
