Nis, ge-tà, tha àimhreit a’ dol ann an saoghal bàrdachd na h-Albainn, an-dràsta. Tha seo ri linn na tha cuid de dhaoine air a bhith a’ feuchainn ri stad a chur air diofair bhàrd bho bhith a’ nochdadh aig tachartasan no ag iomairt gus nach bi an obair aca ga fhoillseachadh. Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba a-nis air brath a chur a-amach a’ cuir an aghaidh leithid seo – ‘no-platforming’ – far a bheil daoine gan cumail far an àrd-ùrlar, mar gum b’ eadh, air sgàth ’s na seòrsa bheachdan a th’ aca. Tha an Leabharlann ag ràdh gu leithid de dh’oidhiprean ag adhbhrachadh sgaraidhean is a’ dèanamh cron air maith nam bàrd is tha iad fhèin a’ rabhadh nach bi seirbhisean aca fosgailte do dhaoine a bhios an sàs ann an leithid de ghiùlan, bho sheo a-mach. Ach tha cuid de sgrìobhadairean mu choinneamh sin air brath an Leabharlann a chàineadh is iadsan ag ràdh gu bheil casgan mar seo cudromach airson mion-shluaigh a dhìon. Bhruidhinn Ruairidh MacÌomhair ri fear de bhuill a’ bhùird-stiùiridh Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, Marcas Mac an Tuairneir.
Broadcast: 25 February, 2020.
MMT: Uill, aig an Leabhrlann, tha sinn gar faicinn aig cridhe cultar an litreachais ann an Alba agus, ann an diofair dhòighean, bidh sinn a’ riochdachadh bàrdachd na h-Alba ron t-saoghal agus ron mhòr-shluagh agus thàinig an teachdaireachd seo ann an co-theagsa trì rudan: an rud a dh’èirich air Caroline Flack is an uairsin connspaid timcheall air bàrdachd Gray Crosbie, air BBC The Social, na bagairtean a rinneadh air a’ bhàrd sin, agus cuideachd na bagairtean a rinneadh air a’ bhàrd Jenny Lindsay. Bha na trì rudan air tighinn còmhla agus bha sinn gu mòr den bheachd gum biodh e math teachdaireachd a chur a-mach ag iarraidh air daoine a bhith a’ beachdachadh air an dòigh a bhios iad a’ dèiligeadh ri chèile agus a bhith cothromach fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh sin.
RM: Agus carson, dìreach, a tha daoine a’ feuchainn ri casg a chur bàird eile bho bhith bruidhinn no bhith a’ nochdadh aig tachartasan?
MMT: Tha diofair rudan ann. Bidh e an crochadh air beachdan poilitigeach agus pearsanta. Ach, a bharrachd air sin chan eil mi airson tuilleadh a ràdh.
RM: Nis, tha cuid ag ràdh, tha deasbad mòr a’ dol air na meadhanan sòisealta mu dhèidhinn seo, mu dhèidhinn am brath a chur sibh a-mach am measg bhàrd ann an Alba is cuid ag ràdh gu bheil an Leabharlann, mar sin, a’ cur taic ri beachdan, ri claon-bhreith, is dòcha nach bi e mar àite sàbhailte airson diofair dhaoine ann am beag chuidean. Ciamar a dh’fhreagradh tu fhèin sin?
MMT: Uill, cha robh sin aig cridhe na teachdaireachd idir agus bha e a’ sònrachadh dol-a-mach agus giùlain a-mhàin. Cha robh sinn a’ taghadh taobh seach taobh aig duine sam bith. Bha i an crochadh air dol-a-mach, an dòigh a bhios daoine a’ dèiligeadh ri chèile air na meadhanan sòisealta agus aig tachartasan agus cuideachd na bagairtean a bhios daoine air thoirt air daoine anns an roinn phroifeasanta, anns an roinn chruthachail agus anns an roinn phearsanta.
RM: Ach tha an Leabharlann iad fhèin a’ bagairt ann an dòigh, a’ rabhadh nach fhaod daoine a tha an sàs anns na seòrsa oidhirpean seo, an seòrsa giùlain seo, a bhith an sàs anns na tachartasan, anns na pròiseactan aca-san, nach e an aon seòrsa rud, mar a tha iad ag ràdh, ‘no-platforming’ a bhith a’ cur casg mar sin?
MMT: Uill, tha mise nam sgrìobhadair gèidh, nam sgrìobhadair Gàidhlig. Tha mise gam fhaicinn agus fàilte romham aig an Leabharlann. Bha mi riamh gam fhaireachdainn sàbhailte agus dìon anns an àite, agus gun robh spèis aig a’ bhòrd agus an luchd-stiùiridh anns an rud a tha mise a’ dèanamh. Mar sin, tha e doirbh dhomh a thuigsinn na beachdan sin, ach tha sinn deònach a bhith ag èisteachd ri daoine agus ma tha daoine airson a bhith a’ cur beachdan thugainn, mholainn is agun tèid iad an sàs anns a’ phròiseas-gearain againn agus tha sinn deònach a bhith ag èisteachd ri beachdan aig cuid.
RM: Dè tha sibh an dòchas, ma-thà, mar shlighe air adhart? Tha sibh air a’ bhrath seo a chur a-mach, dè seòrsa freagairt mhiannadh sibh fhèin?
MMT: Leis a’ shin bidh mi dìreach a’ tileadh dhan a’ phoileasaidh a th’ againn mar-thà. Anns a’ chòd-ghiùlain, bidh e ag ainmeachadh gach feart dìon a tha a-rèir reachdais co-ionnanachd, ach tha sinn ceum air adhart le sin, mar a tha sinn a’ sònrachadh ‘ionnanachd gnè’ am measg na rudan eile – rud a tha gu math cudromach dhuinn agus rud a bha gu math cudromach dhuinn riamh agus tha sin ri linn nam poileasaidhean eile againn, a thaobh Ro-innleachd Daonna agus A’ Phlana Co-ionnanachd, Iolrachd agus In-ghabhaltais againn, cuideachd, agus tha sinn uile air an aon ràmh a thaobh seo – am bòrd agus an luchd-obrach – agus ’s e àite fàilteachail a th’ ann do gach bàrd agus do gach duine a tha dèidheil air bàrdachd ann an Alba.
RM: ’S e saoghal beag a th’ ann an saoghal bàrdachd na h-Alba, ann an dòigh, ged a tha bàrdachd gu math cudromach don dhùthaich. Tha an saoghal beag. Dè cho domhain ’s a tha na sgaraidhean ann, an-dràsta ma tha na daoine seo a’ feuchainn ri casg a chur air bàird eile no air fiù ’s leabhraichean bho a bhith a’ nochdadh.
MMT: Bidh mise a’ dol air ais ann an eachdraidh bàrdachd ann an Alba, bidh sinn a’ faicinn gu bheil eas-aonta air a bhith eadar daoine agus gu bheil iad air a bhith a’ dol a-mach air a chèile. Dhèanainn iomradh air Hugh MacDiarmaid a dhèanadh ‘flyting’ gu tric, anns na meadhan clò-bhuailte aig an àm agus tha fairsaingeachd de bheachdan aig daoine air feadh na coimhearsnachd sin. ’S e tha cudromach dhuinne is gun tèid a h-uile duine a riochdachadh ann an dòigh chothromach agus gum bi fàilte aig gach duine a tha dèidheil air bàrdachd ann an Alba.
*
Now, however, there is conflict in the Scottish poetry world, currently. This is because some people have been trying to prevent various poets from appearing at events or campaigning for their work to go unpublished. The Scottish Poetry Library has put out a statement going against this kind of occurrence – ‘no-platforming’ – where people are kept offstage, as it were, because of their opinions. The Library says that such attempts are causing divisions and are negatively impacting the wellbeing of poets and they are warning that their services will not remain open to people who exhibit this kind of behaviour, from here on out. But some writers have criticised the Library for this, saying that proscriptions of this nature are important in protecting minorities. Ruairidh MacInver spoke to one of the Scottish Poetry Library’s board members, Marcas Mac an Tuairneir.
MMT: Well, at the library, we see ourselves at the heart of literary culture in Scotland and, in various ways, we represent Scottish poetry to the world and communities. This message came in the context of three circumstances: what happened to Caroline Flack and then controversies surrounding the poetry of Gray Crosbie, on BBC The Social, and the harassment of the poet Jenny Lindsay. These were three consecutive occurrences and we really felt that it would be advantageous to put out a message urging people to consider the way that they treat each other, but to be fair-minded as we do that.
RM: And why, exactly, are people trying to prevent other poets from speaking or appearing at events?
MMT: There are various examples. They concerns differences of opinion, both political and personal. But beyond that, I have no further comment.
RM: Now, some are saying… there is considerable debate on social media about this… about the statement you put out amongst poets in Scotland and some saying that the Library, because of that, supports prejudicial ideas, and may not be a safe place for minoritised groups. How would you answer that?
MMT: Well, that was not what was at the heart of the message at all and it only specified behaviours and conduct. We weren’t taking the side of any specific individuals. It concerns behaviours, the way people behave to each other on social media and at events and also the harassment that is happening in the professional creative and personal spheres.
RM: But the Library is itself threatening, in a way, warning that people who are involved in these attempts, this conduct, can’t get invovled in events, in their projects and isn’t that the same kind of thing, as they say, to be preventing ‘no-platforming’ itself?
MMT: Well, I’m a gay writer, a Gaelic writer. I see myself as being welcome at the Library. I have always felt safe and secure in the place and that the board and staff have respect for what I do. To that extent, it’s hard for me to understand those perspectives, but we’re prepared to listen to people and if they want to send us their views, I recommend that they make use of the complaints procedure as we’re prepared to consider various opinions.
RM: What do you hope, then, for a way forward? You’ve put this statement out, what kind of response would you like?
MMT: In this regard, I simply return to the policy we already have in place. In the Code of Conduct, every protected characteristic specified in equalities legislation is named, but we are a step ahead there, as we have included ‘gender identity’ amongst the rest – something that is important to us and always has been, in line with the rest of our policy, in terms of our People Strategy and the Equalities, Diversity and Inclusion Plan, as well. And we are all united in this – the board and staff – that this is a welcoming place for all poets and all that uphold poetry in Scotland.
RM: The poetry world in Scotland is a small one, in a way, despite poetry being important to the country. It’s a small world. How deep are these divisions, right now if people are trying to proscribe poets and even books from appearing?
MMT: I look back into the history of poetry in Scotland and, in doing so, we see that there has always been disagreement between people and that they have sometimes come into conflict. I would draw attention to Hugh MacDiarmaid and his ‘flyting’, having often appeared in print media, and there are still a spectrum of views throughout the community. What is important to us is that people are represented in a way that is fair and that everyone who loves poetry in Scotland is welcomed.
