Skip to content

Scottish Poetry Library

Register/Sign in
Shopping Bag Shopping Bag
Bringing people and poems together
  • Home
  • Poetry
    • Poets
    • Poems
    • Burns Night
    • Scotland’s Makar
    • Podcasts
    • Best Scottish Poems
  • Library
    • Become a borrower
    • Catalogue
    • Collections
    • Ask a librarian
    • Copyright enquiries
  • Learning
    • Nat 5 and Higher poems
    • Dyslexia-friendly lesson plans
    • Poems in Scots for schools
    • Rannan Chloinne / Children’s Verses
    • Nua-Nòs Gaelic Resources
    • Poems in English for schools
    • Scots poems for bairns
    • Posters
  • Events
    • What’s On
    • Organising a cultural event at the SPL
    • Meeting rooms and venue hire
  • Shop
    • SPL Shop
  • About us
    • Our story
    • Our people
    • Our projects
    • FAQs
    • Company papers
    • Jobs & Volunteering
    • Find us
    • Contact us
    • Making a complaint
  • Support us
    • Become a Friend
    • Donate
  • Blog
Shopping BagShopping Bag
Ask a librarian
  • Home
  • >
  • Blog
  • >
  • Agallamh le Màrtainn
Donate Donate icon Ask a Librarian Ask a Librarian icon

Agallamh le Màrtainn

1 February 2023

Head-shot of Martin McIntyre. He has black short hair and blue eyes. Wears a black jacket and a white t-shirt.
Blog

Bha sinne fortunach sùil fhaighinn a-steach dhan a’ bheatha aig Màrtainn Mac an t-Saoir – ar tosgaire Gàidhlig aig an leabharlann agus sgrìobhadair air leth cliùteach. Bha a h-uile duine làn den a’ chnatan agus a’ faireachdainn buaidh an Fhaoilleaich – ge-tà thug e togail dhuinn uile a bhith còmhradh mu na tha dol aige agus an ceangal aige dhan leabharlann. Bhruidhinn e mu dheidhinn a bheatha gu ruige seo, na dòighean agus suidheachaidhean far am bi e a’ sgrìobhadh agus mar a thàinig e gu bhith ri bàrdachd. ’S e duine gu math trang a th’ ann am Màrtainn agus gheibh sibh a-mach mu dheidhinn na diofar obraichean sgrìobhaidh a tha dol aige an-dràsta agus cò na sgrìobhaidearan a tha air buaidh mhòr a thoirt air. (Peigi MacVicar)

P: Uill, halò a Mhàrtainn agus fàilte dha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. ‘S e latha fuar Faoilleach a th’ann an-diugh nach e? Ciamar a tha sibh a’ faireachdainn?

M: Ach, tha mi a’ faireachdainn glè mhath. Coltach ris a h-uile duine an-dràsta tha fuachd air choireigin air a bhith orm fad beagan làithean, tha mi dìreach a’ faighinn os a’ chionn. Tha mi faireachdainn nas fheàrr na bha mi bho chionn latha neo dhà agus toilichte a bhith ann a sheo còmhla ribh, tapadh leat airson an fhiachadh.

P: ‘S dòcha gum bi sibh a’ faireachdainn nas fheàrr às dèidh seo. 

M: Bidh!

P: Uill, airson toiseach tòiseachaidh, an innse sibh dhuinn beagan mu na tha sibh ris an-dràsta, ‘s e duine gu math trang a th’ unnaibh.

M: Uill, ‘s ann dìreach bho chionn bliadhna neo dhà nach robh mi cho trang ‘s a tha mi a-nise, bhon a thòisich mi na mo thosgaire an seo aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Seo a-nis an dàrna bliadhna dhe sin agus cuideachd thòisich mi san t-Sultain a chaidh nam sgrìobhaiche air mhuinntearas aig Oilthigh Dhùn Èideann so tha mi air mo chumail a’ dol eadar sin agus an sgrìobhadh agam fhìn, agus obair eile toabh a-muigh sgrìobhaidh.

P: Agus chan e obair bheag a th’ ann an e?

M: Uill, chan e, chan e. Tha mi ag obair na mo dhotair cuideachd air an fheasgair agus tron oidhche cuid de làithean.

P: Sgoinneil. Agus dìreach airson beagan fios mur deidhinn fhèin cuideachd, thogadh sibh taobh a-muigh Glaschu, bheil sin ceart?

M: Tha sin ceart, ann am baile beag air a bheil Lenzie, neo Lèanaidh ann an Gàidhlig, cha robh fhios am air a sin nuair a bha mi fuireach ann, a’ ciallachadh ‘meadow’ tha mi cinnteach agus bhiomaid a’ dol ‘up the moss’ mar gum biodh air cùl na taighean so tha sin a’ dèanamh ciall. Bha mi ann gus an robh mi ochd bliadhn’ deug mus deach mi dhan oilthigh agus cha do thill mi às dèidh sin.

P: Cha bhiodh e follaiseach bhon a’ bhlas Gàidhlig agaibh gur ann à Lenzie a bha sibh ge-tà, tha ceangalaichean eile agaibh nach eil? 

M: Tha.

P: Dè a chum an ceangal sin a’ dol le bàrdachd ged nach robh sibh fuireach anns na h-eileanan?

M: Ceist caran doirbh. ‘S ann à Uibhist a Deas a bha m’athair agus bhiomaid dol ann gu math tric agus tha mi cinnteach gun robh mi air mo tharraing riamh gu òrain Ghàidhlig agus an uairsinn gu bàrdachd cho luath ‘s a bha comas agam a leughadh agus a thuigsinn. Tha mi air a bhith ga leughadh fad iomadach bliadhna agus ga sgrìobhadh fad còrr is còig bliadhna thar fhichead. Can, na bàird a bha siud mar Dòmhnall Ruadh Phàislig, Dòmhnaill Iain Dhonnchaidh, Ruairidh MacAoidh às a’ Cheann a Tuath, bha a’ bhàrdachd acasan gu math cudromach dhomh. Ach, cuideachd na nua-bhàird leithid Shomairle agus Ruaraidh MacThòmhais, Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn cuideachd – fear den an fheadhain a bu tràithe an deach mi an sàs. Sàilleabh an tidsear Beurla a bh’ againn san sgoil, fear air a bheil Ronnie Renton, a bha gu math dèidheil air litreachas na h-Alba, rud a bha caran ainneamh aig an àm, ach cuideachd bha e air Gàidhlig ionnsachadh. So san t-siathamh bliadhna san sgoil rinn mi O-level sa Ghàidhlig ach ron a sinach bhiomaid a’ dèanamh rud air choireigin a thaobh litreachas, taobh na Beurla, agus rinn sinn obair Iain Crichton mac a’ Ghobhainn gu math tràth, sa Bheurla, ach b’ e slighe a-staigh a bh’ ann. ‘S e a’ chiad leabhar Gàidhlig a-riamh a leugh mi, coltach ri iomadach duine fhathast san latha a th’ann an-diugh,  An t-Aonaran le Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn agus ann an dòigh, gu ìre tha a’ chainnt sìmplidh, ged a tha iomadach ìre san sgeulachd.

P: Tha deagh chuimhne agam fhèin air an leabhar!

M: Bha mi faireachdainn gu math moiteil, fhios agad, gun do ràinig mi deireadh an leabhar.

P: Bha sibh ag ràdh gu bheil sibh air a bhith leughadh fad bhliadhnaichean, ach sgrìobhadh bho chionn còig thar fhichead bliadhnaichean. Dè bha gad bhrosnachadh sin a’ dhèanamh? 

M: Tha mi cinnteach a-rithist san sgoil, bha e còrdadh rium a bhith a’ sgrìobhadh. Cha robh sinn a’ dèanamh na bha sin de sgrìobhadh cruthachail ach, can, nuair a thigeadh e gu aiste airson na deuchainn. An uairsin nuair a chaidh mi dha Oilthigh Obair Dheathainn a’ dhèanamh dotaireachd, cha robh ùine agam agus cha robh air sin a bha m’aire. Ach, an dà chuid a thaobh a bhith sgrìobhadh rosg agus bàrdachd, tha mi cinnteach gun tug co-fharpais orm sgrìobhadh. Bha co-fharpais ann an Sabhal Mòr Ostaig – a’ chiad fharpais Uilleim Rois a bha ann an sgìre Rois is Chrombaidh ’92, agus dà latha ron cheann-latha thug mi orm fhìn suidhe sìos anns an seòmar compiutaireachd ann an Sabhal Mòr Ostaig agus sgrìobh mi an sgeulachd a bha seo, ‘An t-àite as bòidhche fo na neòil’. Chaidh gu math leam san fharpais agus sin mar gum biodh a’ chiad stèidh a fhuair mi airson a’ chiad leabhar agam de sgeulachdan ghoirid. A-rithist a thaobh bàrdachd agus dìreach a’ smaointinn mun Aonghas Dubh a dh’eug bho chionn ghoirid ann a shin, sàilleabh thug e dhomh duais as an fharpais a bha seo, farpais Filíochta ann an Èirinn, airson a’ chiad pìos bàrdachd a’ sgrìobh mi mu Channaigh. Bha e gu math laghach agus gu math fialaidh, na thaic an latha ud agus riamh bhon uairsin.

P: Math fhèin. Thug sibh iomradh air cinn-latha, bheil e na chuideachadh dhuibh ma tha ceann-latha agaibh, neo an e rud a tha tachairt nuair a tha an ùine cheart a’ nochdadh. 

(7:00) M: Tha mi smaointinn gu bheil e na chuideachadh, ged a thigeadh iomadach beachd thugad, ma tha dòigh agad ceann-latha a’ chuir romhad, tha mi smaointinn gu bheil e nas fhasa. Gu h-àraid nuair a bha mi dìreach air tòiseachadh a-mach, sàilleabh, ann an dòigh, tha thu sìor faighneachd dhut fhèin – am bu choir dhomh bhith ris a seo? Bheil cead agam? An d’fhiach na tha mi dol a’ dhèanamh? Agus tha mi smaoineachadh gu bheil e math ma tha adhbhar sònraichte agad son a’ dhèanamh. Tha cuid a’ smaoineachadh nach eil cus feum ann am farpaisean ach, ann an dòigh, tha iad fosgailte do dhuine sam bith, chan fheum siud neo seo de chliù a bhith agad ma feuch thu agus glè thric ‘s ann mu dheidhinn an aona dàn neo an aona sgeul a tha iad agus tha cothrom na Fèinne aig a h-uile duine agus glè thric tha iad air an sgrùdadh agus air am meas ann an dìomhaireachd, chan eil fhios agad cò rinn iad.

P: Tha mi dol leibh le sin gun teagamh. Tha ceist agam a-nis mu dheidhinn an Leabharlann fhèin, dè na faireachdainnean a th’ agaibh mu dheidhinn an leabharlann, na daoine a tha ag obair ann, na goireasan a th’ann, a bhith tighinn ann a sheo, agus a bheil sibh airson sin a’ sgaoileadh air feadh na dùthcha?

M: ‘S fhìor thoil leamsa an t-àite seo, tha faireachdainn gu math ciùin ann nuair a thig thu ann. B’fheàrr leam gum bithinn a tighinn ann na bu trice agus bi mi uaireanan a tighinn ann nuair a tha rud sònraichte agam ri sgrìobhadh gu h-àraid taobh na bàrdachd. A bhith faighinn àite far am faod mi suidhe agus tha na seo de leabhraichean bàrdachd mun cuairt (9:00)ort a bhios a tort feart dhut, fhios agad, chan fhaigh thu sin ma tha thu ann an Starbucks shuas a rathad. Tha mi smaointinn gu bheil cruaidh fheum air a leithid, àite a tha a’ sònrachadh bàrdachd mar dhleastanas, sàilleabh gu ìre mar a tha an saoghal againn an-diugh, saoghal mòr coimearsalta, ‘s dòcha nach eil e cho furasta do bhàrdachd a slighe fhaighinn agus tha mi smaointinn gu bheil an àite seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil iomadach seòrsa guth bàrdachd air a chluinntinn. 

P: Math fhèin. Dè an seòrsa faireachdain a th’ agaibh an-dràsta dhan a’ ghinealaich òig? Am bi sibh ag obair còmhla riutha? A’ sgrìobhadh mun deidhinn?

M: Uill, ‘s e seo pàirt den obair a th’ agam ann an Oilthigh Dhùn Èideann, a bhith a’ brosnachadh oileanaich gu sgrìobhadh, tha feadhain a-tighinn dha na clasaichean agam agus tha iad glè mhath air sgrìobhadh. Bu thoil leam gun tigeadh agus gum feuchadh barrachd ‘s mi feuchainn dèanamh mo dhìcheall gus diofar bheachdan fhaighinn agus diofar seòrsa daoine a’ thàladh do na clasaichean. Gum biodh a h-uile seòrsa duine faireachdainn cofhurtail tighinn agus feuchainn a-mach – sin an rud a tha mi dèanamh mo dhìcheall a’ dhèanamh. A thaobh na tha ga fhoillseachadh de bhàrdachd a’ ghinealaich nas òige na mi fhìn, can, tha an t-uabhas a-tighinn suas. Agus a’ sgrìobhadh ann an dòghanan agus ‘s dòcha mu chuspairean nach deach sgrìobhadh mu deidhinn chun na h-aon ìre gu ruige seo. 

P: Agus tha sin a toirt tlachd dhuibh a bhith faicinn na rudan ùra tighinn a-mach?

M: Gu dearbha.

P: Tha ionnsachadh ann an sin cuideachd nach eil, chan e dìreach a bhith teagasg ach a bhith faighinn brosnachadh bhon òigridh cuideachd.

M: Gun dearbha fhèine. Seo agad an rud mu dheidhinn ealain, de sheòrsa sam bith, ma tha thu an sàs còmhla ri cuideigin eile a tha a’ sgrìobhadh, tha an t-ionnsachadh a dol gach rathad.

P: ‘S e rud sònraichte a tha sin nach e?

M: ‘S e! Thar na bliadhnachan tha mi air taic meantoradh a’ thoirt do ghrunnan agus tha e cho tlachdmhor sàilleabh tha agad ris an stuth aca leughadh gu mionaideach. Le bhith ga leughadh gu mionaideach tha thu dol nas doimhne ann agus thèid agad an uairsin ‘s dòcha ceistean beagan nas doimhne a chuir orra mu dheidhinn agus tha thu ag ionnsachadh an t-uabhas, a bharrachd dìreach air an tlachd a gheibh thu às an rud fhèin. 

P: Ceist eadar-dhealaichte a-nise, cò an sgrìobhadair a’ leughas sibh a-rithist agus a-rithist, a thilleas sibh air ais gu?

(12.30) M: Ah. Dh’fheumain-sa Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn a chuir air sin. Bi mi tilleadh chun a bhàrdachd aigeasan tric. ‘S toil leam an dòigh sa bheil i, gu ìre, uill, tha na faclan sìmplidh air an duilleig ach ‘s ann gu math siubhalach a tha a’ bhàrdachd agus an uairsin tha an doimhneachd ann cuideachd. ‘S fhìor thoil leam Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn, bi mi tilleadh chun a’ bhàrdachd aige agus cuideachd chun a’ rosg aige, na sgeulachdan goirid aige – leabhraichean tiugh tiugh a tha mi air leughadh ceann gu ceann trì no ceithir tursan. Agus am faod mi a ràdh, gu tur eadar-dhealaichte bho Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn, Dòmhnall Iain Dhonnachaidh à Uibhist a Deas. Leabhar mar Chì Mi, a-rithist, tha mi air a leughadh bho cheann gu ceann iomadach turas, ‘s fhìor thoil leam e agus cuideachd na h-òrain, na laoidhean. An uairsin na pìosan bàrdachd aige a thàinig na b’anmoiche na bheatha a bha na bu choltaiche ri nua-bhàrdachd. 

P: Deagh thaghaidhean! Cò ris a tha e coltach a bhith nad bhàrd Ghàidhlig ann an Alba an-dràsta? A bheil sibh faireachdainn gu bheil coimhearsnachd eatorraibh? 

M: Tha, tha. Agus tha barrachd chothroman ann do bhàird Ghàidhlig na bh’ ann riamh saoilidh mi, tha mi cinnteach gum faodadh barrachd a bhith air a’ dhèanamh airson ar toirt còmhla agus airson ar cuir còmhla gum biomaid ag obair nas dlùithe le chèile. Ach, ann an dòigh eile ‘s e dreuchd car aonranach a th’ ann, tha mi coimhead air ais air nuair a bha mi òg, can, nuair a bha na Famous Five a’ dol, mar a bha Ruairidh MacThòmais, Dòmhnall MacAmhlaigh ‘s na daoine sin. An robh barrachd seasamh acasan an uairsin na th’ aig bàird Gàidhlig san latha an-diugh? ‘S dòch’ gun robh. Bha iad uile ag obair nan ollamhan neo ann an dreuchdan foghlaim, so tha mi cinnteach gun robh inbhe aca air a shailleabh sin. Ach a-rithist anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò, saoghal nam meadhanan sòisealta, faodaidh cuideigin an cuid bhàrdachd a chuir a-mach ann an diog agus cluinnidh na mìlltean air feadh an t-saoghail e. Cothrom nach robh àsan air fhaighinn.

P: Doirbh a ràdh. Dè tha san amharc am-bliadhna?

M: Uill, tha mi gu bhith cumail orm na mo thosgaire ann a’ sheo, agus ‘s e dìreach feuchainn ri barrachd dhaoine a’ thàladh chun an leabharlann agus gu bàrdachd Ghàidhlig. Tha mi gu bhith cumail orm leis na clasaichean agus na bùithtean-obrach agam san oilthigh agus cuideachd bi mi cuir air dòigh tachartasan a thaobh litreachais. Bha fear sgoinneil againn dìreach ron Nollaig le Catriona Mhoireach, i dìreach às dèidh leabhar mòr tomadach de bhàrdachd, cha mhòr, aig Murchadh MacPhàrlainn agus shoirbhich gu mòr le sin saoilidh mi, so nì mi tuilleadh den t-seòrsa sin. A thaobh mo chuid sgrìobhaidh fhìn, tha mi an dòchas gun nochd an dàrna chruinneachadh agam, cha do chuir mi a-mach ach aon chruinneachadh. ‘S e ficsean as motha a dh’fhoillsich mi ach an dàrna cruinneachadh dol a’ nochdadh am-bliadhna, A’ Ruith Eadar Dà Dhràgon. Bàrdachd air a’ bhrosnachadh le rudan a chunnaic agus a dh’fhairich mi ann an Catalonia agus anns a’ Chuimrigh agus tha mi caran an dòchas gun nochd sin as na ceithir cànanan am-bliadha, beò an dòchas.

P: Tha sinn a’ coimhead air adhart ri sin ma thà!

M: Chì sinn!

P: A-nise, mus cuir sinn crìoch air an agallamh seo, tha mi dol a dh’fhaighneachd ceistean gu math luath agus tha mi ag iarraidh freagairtean gu math luath.

M: Glè mhath!

P: Dè an òran Ghàidhlig as fheàrr leibh?

M: O mo chreach… Cò fear a thig. ‘Chan e Caoidh Mhic Shiridh’.

P: Rud a tha sibh as pròiseil às?

M: Gu bheil Gàidhlig aig an dithist chloinne agam agus gum bi iad ga bruidhinn.

P: Bheil tattoos sam bith agaibh?

M: Chan eil!

P: Rud as fheàrr a thachair an-uiridh?

M: Gun tàinig crìoch air a’ phandemic.

P: Dè an taigh-bìdh as fheàrr leibh?

M: O! Chan eil e ann tuilleadh ach ann an Gorgie bha taigh-bìdh Innseanach ann, dìreach airson biadh a thoirt air falbh, bha e dìreach sònraichte. Tha mi smaointinn nach do ghabh mi curry builleach cho math sin a-riamh.

P: Dè an loidhne as fheàrr de bhàrdachd a’ sgrìobh sibh a-riamh?

M: Oh my goodness. Tha aon tè tighinn thugam agus ‘s e sin a’ chiad pìos bàrdachd a’ sgrìobh mi mu dheidhinn an nighean againn agus cha robh i ach mu thrì bliadhna a dh’aois aig an àm, tha i ceithir bliadhna fichead a-nis; Caileag òg a’ coimhead a-mach le aodann  tè nas sine.

P: Màiri Mhòr neo Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair?

M: Màiri Mhòr.

P: Ruairidh MacThòmais neo Somhairle MacGill-Eain?

M: Oo! Oo. ‘S toil leam an dithist aca ann an diofar dòighean. Doirbh. Canaidh mi Somhairle.

P: Kathleen NicAonghais neo Gillebrìde Mac’IlleMhaoil?

M: Aww! Chan eil sin feadhar, chan eil mi deònach sin a fhreagairt!

P: Am freagairt cheart! Uill, leis a sin bha e math bruidhinn ribh an-diugh, tapadh leibh airson tighinn a-staigh. Gur math thèid dhan a h-uile rud a tha ri thighinn!

M: Tapadh leatsa.

Share this
Facebook
Twitter
Email

Learn more

Màrtainn Mac an t-Saoir
Martin MacIntyreb.1965

Martin MacIntyre grew up in Lenzie, near Glasgow, his father being originally from South Uist.
More about Màrtainn Mac an t-Saoir
Martin MacIntyre

Online Shop

Browse our range of poetry books, cards and gifts in our online shop. Free UK shipping over £20.
Shop now

Newsletter

Sign up for our regular email newsletter.
Subscribe now
  • Newsletter signup
  • Accessibility
  • Terms & Conditions
  • Privacy Policy
  • Cookie Policy (UK)
Scottish Poetry Library
5 Crichton's Close, Canongate
Edinburgh EH8 8DT
Tel: +44 (0)131 557 2876
© Scottish Poetry Library 2026.
The Scottish Poetry Library is a registered charity (No. SCO23311).
City of Edinburgh logo Green Arts Initiative logo Creative Scotland logo
Scottish Poetry Library
Manage Consent

To provide the best experiences, we use technologies like cookies to store and/or access device information. Consenting to these technologies will allow us to process data such as browsing behaviour or unique IDs on this site. Not consenting or withdrawing consent, may adversely affect certain features and functions.

We use privacy-focused tracking technologies to help us understand and improve the experience of our visitors. We track activity, not users, but you can still object to this tracking via our cookie policy.

Functional Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Preferences
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
  • Manage options
  • Manage services
  • Manage {vendor_count} vendors
  • Read more about these purposes
View preferences
  • {title}
  • {title}
  • {title}